A' feitheamh ceud bliadhna
Nuair a thilleas a' Bhà nrigh gu Taigh nan Morairean anns an à m ri teachd airson fosglaidh rìoghail na pà rlamaid, am bi buill an dà thaighe air an taghadh?
Chan eil mise cinnteach.
Carson? An toiseach, mar a sgrìobh mi an seo roimhe, tha Lib Deamaich agus, nas trà ithe, Libearalaich ann am Breatainn , nuair a b' iad am pà rtaidh as motha ann an riaghaltas na dùthcha.
Agus, tha tòrr bhall Tòraidheach gu tur na aghaidh.
Tha cuid air a bhith ag rà dh mar-thà nach e seo an t-à m a bhith cosg ùine a' bruidhinn mu bhun-reachd (argamaid a chleachdadh an Alba cuideachd, mus do bhuannaich an SNP a' mhòrchuid aca aig Holyrood).
Ach 's e an fhìrinn nach biodh à m sam bith anns am biodh cuid dhiubh deònach cruth nam Morairean atharrachadh.
"Ciallach"
Ach dè tha am prìomhaire fhèin ag iarraidh?
An-dè, cha tuirt Dà ibhidh Camshron ach gun robh e "ciallach" do phà rlamaid a' chùis seo a dheasbad.
Chan eil sin a' ciallachadh gun cuir e taic ris, air neo gun toir e air na cùl-bheingearan aige sin a dhèanamh.
Cuimhnich dè thachair le AV.
An uair sin, thuirt Dà ibhidh Camshron gun robh e glè dheònach referendum a chumail air atharrachadh don t-siostam-bhòtaidh gus taic fhaighinn bho na Lib Deamaich, ged a bhiodh e ag argamaid na aghaidh.
Rinn e sin, bhòt na daoine agus chaidh atharrachadh a dhiùltadh.
Cleas
Bliadhna on uair sin, tha a mhòrchuid aig Camshron fhathast agus tha ath leasachadh an t-siostaim bhòtaidh nas fhaide air falbh na bha e roimhe.
A bheil am prìomhaire a' feuchainn ris an aon chleas a chluich an turas-sa?
Lean dà rna Òraid na Bà nrigh o ghluais e gu Àireamh a Deich toraidhean doirbhe don cho-bhanntachd aig na taghaidhean ionadail.
Dh'fheuch Mgr Camshron agus Mgr Clegg ris a' cho-bhanntachd ùrachadh an là mus do dh'fhosgail a' Bhà nrigh a' phà rlamaid.
Leis an òraid fhèin, bha dithis aca airson sealltainn gun robh iad fhathast aonaichte.
Ach b' fheudar dhaibh dearbhadh cuideachd gun robh an luchd-taic aca fhèin a' faighinn rudeigin bhon chà irdeas eadar an dà phà rtaidh.
±Ê°ùì²õ
Bidh sin nas doirbhe don phà rtaidh as lugha ann an co-bhanntachd.
Mar sin, 's dòcha gun robh deasbad air Taigh nan Morairean na phrìs a bha Mgr Camshron deònach pà igheadh gus an leas-phrìomhaire a chuideachadh leis a' phà rtaidh aige fhèin.
Ach cha bhi deasbad gu leòr.
Mus faic sin dà rna seòmar le 80% de bhuill air an taghadh, feumaidh am moladh taic fhaighinn bho mhòrchuid de bhuill Thaigh nan Cumantan.
Mus do dh'fhà g mi Westminster an-diugh, cha robh tòrr dùil gun tachradh sin.
Mura tachair, am bi Libearalaich a' feitheamh ceud bliadhna eile?