Taic nam Ban
A bheil Iomairt an Aonaidh ag amas gu sònraichte air boireannaich?
An-dè, bu choltach dhòmhsa gu bheil.
Nuair a chaidh an iomairt Better Together a chur air bhog ann an Dùn Èideann, rinn Alasdair Darling iomradh air na 'boireannaich là idir' a sheall gur e a bhith 'ag obair còmhla' an dòigh gus coimhearsnachd a chumail beò.
Bha an seann seansalar caran gagach leis na faclan, mar nach robh dùil aige riutha.
Thug e orm smaointinn - carson a rinn e iomradh air boireannaich gun iomradh sònraichte air fireannaich?
Feuchaidh mi ris a' cheist sin a fhreagairt an-drà sta.
Argamaid
Tha fianais nan cunntasan-bheachd ag innse dhuinn gu bheil taic airson neo-eisimeileachd nas ìsle a-measg bhoireannach.
Gus 51% dhen bhòt fhaighinn anns an referendum, feumaidh an SNP rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn sin.
Ged a thuirt muinntir na h-iomairt a chuireadh air bhonn an-dè gun dèanadh iad an argamaid airson an Aonaidh, 's e an dreuchd a a tha aca dèanamh cinnteach nach ruig a' bhòt airson neo-eisimeileachd an ìre sin.
A bharrachd air an iomradh sin air 'boireannaich là idir', bhruidhinn Mgr Darling uair 's a-rithist mu dheidhinn cloinne agus teaghlaich anns an òraid aige.
Bha 'ar teaghlaichean' anns a' chiad sheantans.
Nas fhaide shìos a' chiad duilleag, thuirt e gu robh na trì pà rtaidhean a bha an sàs anns an iomairt air an à rd-ùrlair còmhla gus 'à m ri teachd nas fheà rr' a choisinn airson 'ar cloinne' mar phà irt dhen Rìoghachd Aonaichte.
Cothrom
A rèir mo chunntais-se, nochd 'teaghlach' còig tursan agus 'clann' sia tursan.
Is coltach gu bheil iomairt an Aonaidh a' faicinn laigse aig an SNP - agus aig Ailig Salmond gu sònraichte - a dh'fhaodadh cothrom a thoirt dhaibhsan.
Feuchaidh iad ri cur ris na teagamhan a tha aig cuid - a rèir nan cunntasan-bheachd - mu na dh'fhaodadh neo-eisimeileachd ciallachadh airson cloinne.
Bha eaconomaidh aig teas-mheadhan an deasbaid seo mar-thà .
Ach 's soilleir a-nis gur e taobh pearsanta na ceist a bhios bunaiteach don dà iomairt anns an dà bhliadhna - mas e sin an clà r-ama - a tha romhainn.
Thèid fà ilte a chur air ur beachdan, mar as à bhaist.