A' dèanamh a roghainn
Chaidh Ed Miliband an sàs a-rithist anns an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba.
Bheir toradh na bhòt buaidh mhòr air beatha phoileataigeach Mhgr Mhiliband fhèin.
A dh'aindeoin na beà rn a dh'fhosgail o chionn goirid eadar na Là baraich agus na Tòraidhean anns na cunntasan-bheachd, tha rathad fada fhathast eadar Mgr Miliband agus Àireamh a Deich, ma ruigeas e idir i.
Dh'fhaodadh an rathad sin a bhith fiù 's na b' fhaide as aonais nam ball Là barach a chuir Alba gu Westminster o chionn bhliadhnaichean.
Mar sin, tha tòrr an crochadh air an referendum do Mhgr Miliband.
Cha b' e sin an argamaid a rinn e an t-seachdain-sa ge-tà .
Eachdraidh
Bhruidhinn e mu eachdraidh a theaghlaich fhèin, a thà inig a Bhreatainn agus iad a' teicheamh air na Nà saich.
Mar sin, bha Mgr Miliband pròiseil à s gu bheil e na Iùdhach, na Shasannach agus na Bhreatannach - fèin-aithne trì-fhillte, co-dhiù.
B' e a' chasaid chur e air an SNP, gun robh iad airson toirt air daoine taghadh a dhèanamh eadar dà phà irt dhen fhèin-aithne aca.
Aig a' char as sìmplidhe, an robh iad airson a bhith Albannach air neo Breatannach?
Do Mhgr Miliband, bha sin na roghainn cheà rr.
Air a' cheist seo, co-dhìu, tha an SNP ag aontachadh.
Deasbad
Am beachd Ailig Salmond, thà inig Mgr Miliband air dheireadh chun an deasbaid seo .
Thuirt e gun robh am pà rtaidh aige air a bhith a' brosnachadh fèin-aithne Albannach fad ginealaich co-dhiù a bha fosgailte do dhaoine de gach dualchas.
Do nà iseantaich Albannach an là an-diugh, dh'fhaodadh tu a bhith Albannach agus Èireannach, Sasannach no Pagastanach.
Tha cuid a' dol fiù 's nas fhaide.
Tha feadhainn mar Phete Wishart agus Aonghas Brianan MacNèill air a bhith a' cumail a-mach gu faod Albannaich a bhith Breatannach fhathast as dèidh dhaibh an Rìoghachd Aonaichte fhà gail.
Dhaibhsan, 's e 'Breatainn' ainm an eilein, 'an Rìoghachd Aonaichte' ainm na stà it agus iad ag rà dh gur e an dà rna rud a-mhà in a tha fo cheist.
Brosnachadh
Cha ghabh pà rtaidhean an Aonaidh ri sin, agus cha do ghabh Mgr Miliband.
Ach thuirt e gun robh aon rud eile a dhìth airson an t-Aonadh a dhìon agus a neartachadh.
Nan robh e airson fèin-aithne là idir Albannach a bhrosnachadh, thuirt e, b' fheudar an aon rud a dhèanamh le Sasainn.
Agus chuir e cuid dhen choire airson sin air a' phà rtaidh aige fhèin, ag rà dh gun robh muinntir na là imhe clì roimhe air an nà ireachadh leis a' cheist.
Tha Mgr Miliband a' creidsinn gu feum Albannaich agus Sasannaich a bhith toilichte anns an Rìoghachd Aonaichte gus dèanamh cinnteach gum mair i.
Dhiùlt e taic a chur ri Pà rlamaid airson Shasainn - ach bidh aig Mgr Miliband ri barrachd a rà dh mus tig a' bhòt mun seòrsa de chruth a bhios air an Aonadh anns an à m ri teachd.