Salmond a' tadhal air Leveson
Dè ur beachd-se air mar a chaidh le Ailig Salmond aig Leveson?
O chionn seachdain no dhà , bu choltach nach robh ceannard an SNP buileach aig a dhòigh fhèin.
Cha d'rinn e cho math aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir agus a b' à bhaist dha, a' toirt cothrom gu math ainneamh do cheannardan nam pà rtaidhean eile gus a' chùis a dhèanamh air.
Ach b' e an seann Ailig a nochd ron rannsachadh aig Cùirtean Rìoghail a' Cheartais ann an Lunnainn.
Tron fheasgar, bha Mgr Salmond a' coimhead gu math cofhurtail.
Ro chofhurtail, 's dòcha.
Scaineal
Bu choltach gun do chòrd an seisean ri Mgr Salmond, mar gun robh e air a dhòigh fhaighinn a-mach às an oifis fad greis.
Chuir e fhèin air adhart mar duine nach robh idir an sàs anns an scaineal a chuir an ceòl air feadh na fìdhle aig Westminster.
Bhruidhinn Mgr Salmond mar nabaidh coimhneal, a thadhail air a' chà irdean mu dheas gus beagan comhairle a thoirt seachad.
Chaidh sinn a dhèanamh na b' fhasa dha as dèidh mar a chuireadh 'Pà rlamaid Shasainn' air Westminster leis a' Mhorair Leveson fhèin.
Rinn am prìomh mhinistear gà ire bheag agus thuirt e ''S toil leam sin'.
Aon tadhal gu Mgr Salmond mus do thòisich an gèama.
Fianais
Nuair a thòisich, ghagh e an cothrom freagairt na ceist a thog Ruth Davidson uair is a-rithist aig Holyrood.
Dh'innis e don rannsachadh - agus do cheannard nan Tòraidhean nan robh i ag èisteachd - nach robh fianais aige gun deach farchluais a dhèanamh air a' fòn-là imhe aige.
Ach thuirt Mgr Salmond gun robh fianais aige gun deach sùil a thoirt air a' chunntas bhanca aige leis an Observer.
Thuirt e gun deach innse dha le cuideigin aig a' phà ipear gun robh fiosrachadh aca nach b' urrainn tighinn ach bhon chunntas.
Thuirt Guardian News & Media - leis a bheil an Observer agus a rinn sgrùdadh mòr air farchluais anns a' phà ipear là itheal aige - nach robh fianais aig Mgr Salmond airson na casaid aige.
Tha Mgr Salmond a' diùltadh an duine a thug am fios dha ainmeachadh.
Argamaid
Aig a' cheist aig cridhe na cùise, ge-tà , chum Mgr Salmond ris an loidhne a chleachd e roimhe.
A' cheist, dè an cuideachadh a thabhainn e do News Corp anns an oidhirp aca gus là n smachd fhaighinn air BSkyB?
Na fhreagairt, thuirt am prìomh mhinistear gun robh e deònach an argamaid a chur ri Rùnaire a' Chultair, Jeremy Hunt, gum bu chòir a' bhuaidh air cosnaidhean a bhith na pà irt dhen cho-dhunadh aige air a' chùis.
Am beachd Mhgr Salmond cha robh cà il mì-iomchaidh mu dheidhinn sin - cha robh dleastanas air airson co-fharpais craolaidh, ach bha airson na h-eaconamaidh agus chosnaidhean ann an Alba.
Tha na dùbhlanaich aig Holyrood ag rà dh gu bheil tòrr cheistean aige ri fhreagairt mun chà irdeas aige le Rupert Murdoch.
Bidh cothrom aca am togail, mar as à bhaist, aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh fhathast.