Seachdain ùr, aithisg ùr
Seachdain eile, .
An turas-sa, b' e an à ireamh de cheistean an cuspair a bha fon sgrùdadh.
Sgrìobh mi gu leòr mu dheidhinn seo an t-seachdain a chaidh nuair a bheachdaich a' chomataidh air seasamh laghail an referendum.
A-rithist, tha a' chomataidh a' fuiling air sgà th 's nach eil aon nà iseatach oirre.
Tha còignear Là barach, ceathrar Thòraidheach - nach eil a' riochdachadh sgìrean Albannach - agus Lib Deamach, ball Earra-Ghà idheil Ailean Reid (dh'fhalbh am ball nà iseantach Eilidh Whiteford as dèidh gearain mun chainnt a chleachadh rithe le cathraiche na comataidh Ian Davidson).
Mar sin, 's beag an t-iongnadh gu bheil iad dhen bheachd nach bu chòir ach aon cheist nochdadh air a' phà ipear-bhaileit.
Fianais
An toiseach, tha a' chomataidh ag rà dh nach urrainn do Riaghaltas na h-Alba ceist air tuilleadh chumhachdan a chur ris an t-sluagh.
Nam beachd-san, 's ann airson bhòt air neo-eisimeileachd a fhuair an SNP taic an luchd-bhòtaidh aig an taghadh an-uiridh, chan ann airson bhòt air barrachd fèin-riaghlaidh.
Agus - mar a bhiodh dùil - tha iad ag aontachadh le beachd riaghaltas Westminster nach eil cumhachd aig Holyrood bhòt sam bith a chumail agus sgioba Dhà ibhidh Camshroin ag rà dh nach tèid a' chumhachd gus sin a dhèanamh a thoirt seachad ach airson aon cheist a-mhà in.
Ach tha a' chomataidh cuideachd dhen beachd nach bu chòir dà rna ceist a chur co-dhiù.
A rèir na h-aithisg, 's ann glè ainneamh a thèid referenda ioma-roghainneach a chumail gu h-eadar-nà iseanta air cuspairean dhen t-seòrsa seo.
Agus, tha na h-eòlaichean a thug fianais dhaibh - cuid dhiubh a bheir taic do dhà rna ceist ann am prionnsabal - ag rà dh gu feum fios a bhith aig daoine dè tha 'Devo Max' a' ciallachadh mus bhòt iad air.
Ceist
Mar as fhaisge a thig an referendum 's ann as coltaiche a dh'fhà sas e nach tig an t-soilleireachd sin ron bhòt.
Adhbhar eile, am beachd na comataidh, gum bu chòir dèiligeadh ri à ite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte an toiseach agus na aonar.
Ach tha ceist do phà rtaidhean an Aonaidh anns an aithisg seo cuideachd.
Tha i ag rà dh gur e an dòigh iomchaidh gus dèiligeadh ri ceist an tuilleadh fèin-riaghlaidh tro mhanifestothan nam pà rtaidhean a chuireas taic ris - mar a thachair ann an 2010 agus a chaidh a leantainn le Achd na h-Alba 2012.
Ach a bheil sin a' ciallachadh gum bi pà rtaidhean an Aonaidh a' foillseachadh ghealltanasan air cumhachdan ùra ro thaghadh 2015 - fhad 's a bhòtas Alba an aghaidh neo-eisimeileachd?
Air neo, am bi aca rim foillseachadh nas trà ithe gus dèanamh cinnteach gun tachair sin?