´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2012-10

Bho Chatalòinia gu Caledonia

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-10-11, 13:42

Beachdan (0)

Tha dùil againn a-nis gun tèid aonta a comharrachadh eadar Dàibhidh Camshron agus Ailig Salmond ann an Dùn Èideann Diluain gus cead laghal a thoirt do Holyrood referendum a chumail air neo-eisimeileachd.

Thuirt am prìomh mhinistear an-dè gun robh rud no dhà aca ri rèiteachadh fhathast - tuigidh sinn gu bheil ionmhas nan iomairtean nam measg.

Ach, tha coltas an aonta soilleir gu leòr.

Thèid cumhachd a thoirt do phàrlamaid na h-Alba referendum a chur air dòigh, cumhachd a dh'fhalbhas aig deireadh 2014.

Gheibh deugairean aig aois 16 agus 17 cothrom bhòtaidh - mar a dh'iarr Riaghaltas na h-Alba.

Agus, mar a dh'iarr Riaghaltas Bhreatainn - cha bhi air a' phàipear-bhaileit ach aon cheist a-mhàin.

¶Ù¾±Ã¹±ô³Ù²¹»å³ó

Dh'iarr iad sin agus iad a' creidsinn gun caill Mgr Salmond a' bhòt ma thèid a' cheist a chur ri daoine ann an dubh is geal.

Ach, a bheil iad ceart?

Chan eil an duine a bha os cionn Chatalòinia fad còrr is fichead bliadhna idir cinnteach.

An sin, dh'èirich taic airson neo-eisimeileachd bhon Spàinn às dèidh mar a dhiùlt an Riaghaltas ann am Madrid gabhail ri tuilleadh chumhachdan ionmhais airson na roinne.

Dh'fhaighnich mi de Jordi Pujol - a bha na cheann-suidhe am Barcelona bho 1980 gus 2003, agus a bha na charaid do Dhòmhnall Dewar - an tachradh an dearbh rud ann an Alba às dèidh do Riaghaltas Westminster dàrna ceist air barrachd fèin-riaghlaidh a dhiùltadh.

Thuirt Mgr Pujol gun robh deagh sheans gun tachradh.

Aonta

Thàinig 1.5 millean neach chun nan sràidean ann am Barcelona anns an t-Sultainn aig iarraidh neo-eisimeileachd.

B' ann às dèidh sin a chaidh ceann-suidhe Chatalòinia, Artur Mas,Ìýgus aonta iarraidh bho phrìomhaire na Spàinne.

Cha do ghabh Mariano Rajoy le sin, agus a-nis tha dùil ri taghaidhean anns an t-Samhain anns am bi pàrtaidhean nàiseantach a' sireadh mòrchuid.

Às dèidh sin, tha Senyor Mas air a ràdh gun cum iad referendum - an dh'aindeoin beachd Mhadrid gum biodh sin an aghaidh bun-reachd na dùthcha.

Tha gainnead cothruim slighe mheadhanach a ghabhail air cur ris na bhòtadh 'seadh' ann an Catalònia.

'S e a' cheist dhuinne a bheil Senyor Pujol ceart agus gun tachair an dearbh rud ann an Caledonia.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.