Bho Chatalòinia gu Caledonia
Tha dùil againn a-nis gun tèid aonta a comharrachadh eadar Dà ibhidh Camshron agus Ailig Salmond ann an Dùn Èideann Diluain gus cead laghal a thoirt do Holyrood referendum a chumail air neo-eisimeileachd.
Thuirt am prìomh mhinistear an-dè gun robh rud no dhà aca ri rèiteachadh fhathast - tuigidh sinn gu bheil ionmhas nan iomairtean nam measg.
Ach, tha coltas an aonta soilleir gu leòr.
Thèid cumhachd a thoirt do phà rlamaid na h-Alba referendum a chur air dòigh, cumhachd a dh'fhalbhas aig deireadh 2014.
Gheibh deugairean aig aois 16 agus 17 cothrom bhòtaidh - mar a dh'iarr Riaghaltas na h-Alba.
Agus, mar a dh'iarr Riaghaltas Bhreatainn - cha bhi air a' phà ipear-bhaileit ach aon cheist a-mhà in.
¶Ù¾±Ã¹±ô³Ù²¹»å³ó
Dh'iarr iad sin agus iad a' creidsinn gun caill Mgr Salmond a' bhòt ma thèid a' cheist a chur ri daoine ann an dubh is geal.
Ach, a bheil iad ceart?
Chan eil an duine a bha os cionn Chatalòinia fad còrr is fichead bliadhna idir cinnteach.
An sin, dh'èirich taic airson neo-eisimeileachd bhon Spà inn às dèidh mar a dhiùlt an Riaghaltas ann am Madrid gabhail ri tuilleadh chumhachdan ionmhais airson na roinne.
Dh'fhaighnich mi de Jordi Pujol - a bha na cheann-suidhe am Barcelona bho 1980 gus 2003, agus a bha na charaid do Dhòmhnall Dewar - an tachradh an dearbh rud ann an Alba às dèidh do Riaghaltas Westminster dà rna ceist air barrachd fèin-riaghlaidh a dhiùltadh.
Thuirt Mgr Pujol gun robh deagh sheans gun tachradh.
Aonta
Thà inig 1.5 millean neach chun nan srà idean ann am Barcelona anns an t-Sultainn aig iarraidh neo-eisimeileachd.
B' ann à s dèidh sin a chaidh ceann-suidhe Chatalòinia, Artur Mas,Ìýgus aonta iarraidh bho phrìomhaire na Spà inne.
Cha do ghabh Mariano Rajoy le sin, agus a-nis tha dùil ri taghaidhean anns an t-Samhain anns am bi pà rtaidhean nà iseantach a' sireadh mòrchuid.
Às dèidh sin, tha Senyor Mas air a rà dh gun cum iad referendum - an dh'aindeoin beachd Mhadrid gum biodh sin an aghaidh bun-reachd na dùthcha.
Tha gainnead cothruim slighe mheadhanach a ghabhail air cur ris na bhòtadh 'seadh' ann an Catalònia.
'S e a' cheist dhuinne a bheil Senyor Pujol ceart agus gun tachair an dearbh rud ann an Caledonia.