´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2013-01

Ceist ga freagairt

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2013-01-31, 10:46

Beachdan (0)

"Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?"

Sin a' cheist a bhios air a' phàipear-bhaileit anns an referendum air neo-eisimeileachd ann an 2014.

Chan e "a bheil thu ag aontachadh gum bu chòir" ach dìreach "am bu chòir".

Fhuair Coimisean an Taghaidh gun robh a' chiad dreach - a mhol an riaghaltas nas coltaiche toirt air daoine bhòtadh air a son.

Tha an dreach ùr - dan rèir-san - nas soilleire, nas sìmplidhe, agus bheir e cothrom na Fèinne do gach taobh.

Agus, tha iadsan ag aontachadh - gu poblach co-dhiù.

Moladh

Bho thaobh an Aonaidh, thuirt Alistair Darling gun robh e toilichte nach do gabh an Coimisean ri "ceist thaobhach" Ailig Salmond.

Airson an riaghaltais, thuirt an leas-phrì´Çmh mhinistear Nicola Sturgeon gun robh i "air a dòigh" leis a' cheist ùir agus gum moladh i don phàrlamaid i - a' fàgail gun tèid i troimhe.

Bidh i co-dhiù cho toilichte, ge-tà, leis na mhol an Coimisean air maoineachadh nan iomairtean.

Thèid a' chrì´Çch airson an dà phrì´Çmh iomairt - Yes Scotland agus Better Together - a dhùblachadh bho £750,000 gu £1,500,000.

Ach mhol an Coimisean gum bi pàrtaidhean an Aonaidh agus pàrtaidhean neo-eisimeileachd gan cur còmhla ann an dà bhuidhean le cha mhòr an aon chrìch air nas urrainn dhaibh cosg.

Fàgaidh sin nas duilghe e do phàrtaidhean an Aonaidh fada a bharrachd a chosg.

Ìý

Fiosrachadh

Ach ged a tha fios againn a-nis dè a' cheist, tha ceist ann fhathast.

, mhol an Coimisean gum bu chòir barrachd fiosrachaidh fhoillseachadh mu na thachradh às dèidh na bhòt.

Aig Ceistean a' Phrì´Çmhaire an-dè, thuirt Dàibhidh Camshron nach gabhadh e ri còmhradh air "Alba a'Ìýfalbh bhon Rì´Çghachd Aonaichte" air thoiseach air a' bhòt fhèin.

Ach, fàsaidh an t-uallach air an dà thaobh a-nis barrachd a ràdh mu na dh'fhaodadh "bu chòir" no "cha bu chòir" ciallachadh.

Tòisichidh sin le aithrisean air a' chùis bhon dà riaghaltas.

Agus, anns a' Mhàrt, thig am bile, agus fios air an là.

Deireadh na connspaid?

Bha dùil againn gun deigheadh connspaid na comhairle laghail a thogail aig a' chiad sheisean de Cheistean a' Phrì´Çmh Mhinisteir an-diugh.

Ach cha deach.

Sin a dh'aindeoin a' chàinidh a bha - ged a fhuair an rannsachadh nach do bhris Ailig Salmond còd nam ministearan.

Chaidh na dùbhlanaich mun cuairt an-diugh a' feuchainn ri arÌýn-aire a thoirt do na h-earrannan nach robh math dha.

Agus rinn iad gearan ag ràdh gum bu bheag an t-iongnadh mun bhreith leis gun do thagh Mgr Salmond fhèin am britheamh.

Ach 's dòcha gun robh an tost aca anns an t-seòmar na fhianais nach d'fhuair iad na bha iad ag iarraidh.

°Õ°ù´Ç¾±³¾³ó±ð-³¦³óè¾±±ô±ð

Fhuair an rannsachadh nach robh Mgr Salmond a' feuchainn ri toirt air daoine creidsinn gu robh fianais shònraichte aig Riaghaltas na h-Alba mu bhallrachd Alba neo-eisimeiliche anns an Aonadh Eòrpach.

Ach fhuair Sir Dàibhidh Bell gun do dh'adhbhraich na thuirt Mgr SalmondÌýri Anndra Neil anns an agallamh aige troimhe-chèile, agus gum bu chòir dha bhith na bu shoilleire.

Thuirt Mgr Bell cuideachd gum bu chòir Còd nam Ministearan fhèin atharrachadh airson cùisean mar seo a sheachnadh anns an àm ri teachd.

Bha am prì´Çmh mhinistear fhèin riaraichte gu leòr.

Cho riaraichteÌý's gurÌýesan a thog a' chùis anns an t-Seòmar aig àm na ceist.

Ach ma tha a' chonnspaid mun chomhairle - cha mhòr - seachad, tha a' chonnspaid nas fharsainge mu neo-eisimeileachd agus an Aonadh Eòrpach ann fhathast.

Sabaid nan Sochairean

Tha dùil gum biÌýsochairean sòisealta nan adhbhar sabaid mòire ann an 2013.

Bhòt buill-pàrlamaid - Tòraidhean agus cha mhòr na Lib Deamaich uile - gus crì´Çch a chur air tòrr dhiubh agus air cuid de chreidisean cìse cuideachd.

Às dèidh seo, chan èirich iad le barrachd na 1% gu bliadhna gu 2016.

ThaÌýan riaghaltas ag ràdh gum bi iad fhathast ag èirigh.

Ach tha bhòt an là an-diugh a' fàgail gun èirich iad aig ìre nas ìsle nan atmhorachd.

Mar sin, tha an fheadhainn a tha na aghaidh a' cumail a-mach gur e gearradhÌýa tha seo.

"Leisgearan"

Nam measg, tha na dùbhlanaich Làbarach aig Westminter, agus an Riaghaltas ann an Dùn Èideann.

A' bruidhinn airson pàrtaidh Ed Mhiliband, thuirt Liam Byrne gun toireadh a' chrì´Çch seo droch bhuaidh air daoine a bha ag obair agus chan ann air "leisgearan" nan suidhe aig an taigh.

Agus, thuirt e gun robh a' mhòrchuid dhe na daoine aÌýbha gun obair ga h-iarraidh agus a' dèanamh oidhirp airson a lorg.

Gu mì-fhortanach do Mhgr Byrne ge-tà, 's e an rud a b' ainmeile a rinn e a-riamh nòta fhàgail air an deagsa aige ag ràdh nach robh airgead sam bith air fhàgail.

Chaidh na faclan sin a thilgeil na aghaidh le Rùnaire na h-obrach, Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn.

Dè dhèanamh esan, dh'fhaighnich e, gus dèiligeadh ri easbhadh ionmhais na dùthcha?

Gearan

Tha sochairean agus peinseanan Albannach fo smachd Westminster.

Thèid sin a chleachdadh am bliadhna-sa leis an SNP mar argamaid eile airson neo-eisimeileachd.

Anns an eadar-ama, chleachd an leas-phrì´Çmh mhinistear comataidh na pàrlamaid Albannach airson crì´Çch nan sochairean a chàineadh.

ThuirtÌýNicola SturgeonÌýgun toireadh i buaidh air 700,000 teaghlach ann an Alba anns an robh cuideigin ag obair.

An-dràsta, chan urrainn dhi ach gearan.

Ach an ath-bhliadhna, feuchaidh iad ri sin atharrachadh.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.