Neach a bharrachd air a' phà irc dhan Ghà idhlig
- Air fhoillseachadh
Tha seanfhacal gu math dathach a chluinnear bho à m gu à m; 'S fhiach an neach aig a bheil dà chà nan dithis.
Bhiodh e sà bhailte a rà dh nach eil teagamh aig an neach a chanas a leithid de dh'fhaclan mu na dorsan as urrainn do chà nan agus do chainnt fhosgladh. Ach chan eil an leithid de dh'abairt - agus an ìomhaigh a tha e a' togail - ro fhada air falbh bho rudan a chluinnear ann an saoghal spòrs nas motha.
Gu tric cluinnear mu bhith a' cluich le neach a bharrachd air a' phà irc. Ann an cuid de dhòighean chan eil cà nan agus spòrs cho fada air falbh bho chèile, ach am biodh dòigh ann an dà rud a thoirt còmhla ann an cruth a bhiodh na bhuannachd dhan Ghà idhlig agus do dh'fheadhainn aig a bheil ùidh ann am ball-coise?
Nuair a thà inig iomadh co-fharpais, tachartas agus seusan spòrs gu crìch anns a' Mhà rt air sgà th dhraghan mu Chovid-19, bha aon phròiseact nach robh ach gu tòiseachadh. Le ùidh ann an cà nan agus ann am ball-coise, agus a-nis le ùine airson rudeigin a dhèanamh leis an ùidh sin, stèidhich Calum Fearghasdan agus Donnie Foirbeis pròiseact ùr leis an ainm 'FC Sonas'. Mar amas aig an dithis sheann charaidean, bha à rd-ùrlar a thogail air am b' urrainn don Ghà idhlig a bhith air a cleachdadh agus ri cluinntinn mar a bhiodh ann an roinnean eile.
Thà inig an dithis le chèile tro shlighe foghlaim na Gà idhlig. Le sin bha cà nan, agus na tha cà nan a' ciallachadh do mar a bhios coimhearsnachdan gan tuigsinn fhèin, riamh nam puingean air an robh an dithis ghillean mothachail. Às dèidh na sgoile ge-tà , 's e slighe gu saoghal a' bhuill-coise a ghabh an dithis. Thòisich Calum air cluich ann an Alba, mun d' fhuair e an cothrom blasad den spòrs ann an Canada agus ann an Sealan Nuadh fhaighinn cuideachd.
Do Dhonnie, bha iomadh oidhche air a cosg mar choidse, a' trèanadh chluicheadairean òga anns a' choimhearsnachd. Mar phà irt den obair, bhiodh e a' trèanadh fheadhainn òga aig nach biodh an cothrom ball-coise a chluich mar as à bhaist idir. Eadar an dithis, bha eòlas air a bhith a' feuchainn rudan ùra, agus a' cruthachadh amannan agus à iteachan do dhaoine aig nach biodh cothroman.
'S ann anns a' Mhà rt a fhuair an dithis an cothrom rudeigin ùr fheuchainn còmhla. Le aire air cho cudromach 's a tha cà nan, coimhearsnachd agus spòrs, dh'fhaighnich an dithis carson nach robh à ite ann air an leanaig far am b' urrainn dhaibh Gà idhlig a thoirt dhan bhall, agus ball a shadail gu casan na Gà idhlig. Leis nach robh an leithid ann, stèidhich iad fhèin iomairt leis an dearbh fheallsanachd sin.
"Nuair a bha mise a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gà idhlig, cha robh mise ro mhath anns an sgoil", tha Donnie a' mìneachadh.
"Bha mise ag iarraidh a bhith a-mach a' cluich ball-coise. A h-uile turas a bha mi ag iarraidh a bhith a' cluich ball-coise, 's e suidheachadh anns a' Bheurla a bh' ann. Ach airson FC Sonas tha sinne ag iarraidh a' chothroim sin airson a bhith a' bruidhinn Gà idhlig ann an à ite a tha dìreach à bhaisteach agus nà darra."
Ghreimich Calum agus Donnie air an ròpa a thug saoghal air-loidhne dhaibh. B' ann an sin a bha daoine rin lorg, agus b' ann an sin a thòisicheadh gillean FC Sonas. Aig à m à bhaisteach 's ann a' bruidhinn Gà idhlig agus a' cluich ball-coise a bhiodh daoine. Rinn na gillean sin gu dearbh, ach bha iad deònach cuideachd ball-coise a bhruidhinn agus cluich leis a' Ghà idhlig.
A rèir Chaluim, seo rud a tha a' neartachadh cà nan agus comas; "'S e ball-coise an geama as motha anns an t-saoghal. Tha tòrr ag rà dh gur e Gà idhlig cà nan nach buinn ach dhan Ghà idhealtachd, agus tha sin ceà rr. Tha Gà idhlig air a bhith air feadh an t-Saoghail. Tha ball-coise air feadh an t-Saoghail. Mar sin nuair a tha thu a' cur an dà rud ri chèile, tha rudeigin gu math là idir agad."
Bhruidhinn Ruairidh Alastair MacIllFhinnein bho ´óÏó´«Ã½ Spòrs ri Calum Fearghasdan agus Donnie Foirbeis air Podcast Spòrs Beò.
Le eacarsaidean ag amas air an dà chuid Gà idhlig a neartachadh agus sgilean leis a' bhall adhartachadh, tha iomairt FC Sonas air a dhol bho neart gu neart. Tha dùbhlan nan gillean a-nis a' toirt taic do bhanca-bìdhe - rud cho feumail 's a th' ann ri linn cho doirbh 's a tha cùisean do mhòran an-drà sta. Tha duilleagan FC Sonas air na meadhanan sòisealta air na mìlltean de dhaoine a thà ladh, tro a bhith a' bruidhinn ri daoine bho thaobh a-staigh agus bho thaobh a-muigh structaran à bhaisteach na Gà idhlig. Buinidh ball-coise ris an t-Saoghal, ach buinidh agus cà nan nan Gà idheal.
Thar nam mìosan a chaidh seachad, tha gillean FC Sonas air cothrom a thoirt do dhaoine faclan anns a' Ghà idhlig a thogail, agus còmhraidhean a thòiseachadh mu à ite chà nain agus coimhearsnachd anns an spòrs. Ach tha iad cuideachd air gluasad a thòiseachadh airson bruidhinn mu à ite spòrs ann a bhith a' dèanamh cinnteach gun cùm feadhainn a dh'fhàs suas leis a' Ghà idhlig ùidh anns a' chà nan tro mheadhan a tha cho sìmplidh ri ball agus tadhal.
Bhiodh e furasta a rà dh gun tà inig stad air spòrs air agus far na pà irce am-bliadhna. Chan eil feallsanachd FC Sonas a' gabhail ri sin. Ann an naoi mìosan, tha FC Sonas air carthannas, cothroman agus cà nan a thoirt fo bhratach spòrs, agus air spòrs a thoirt fo bhratach na Gà idhlig. Ann an iomadach dòigh, seo iomairt a tha a' toirt neach a bharrachd do sgioba na Gà idhlig air leanaig an t-Saoghail.