´óÏó´«Ã½

Cuingealachadh aig Raon Nibheis

Sgitheadh aig Raon NibheisTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha ionad-sgithidh ann an Loch Abar air innse nach bi iad fosgailte airson sgithidh chun a' Ghearrain ri linn atharrachadh san aimsir.

Thèid uairean fosglaidh Raon Nibheis anns a' Ghearasdan a chuingealachadh cuideachd.

Sin mar phàirt de ghrunn rudan a tha gan cur an sàs, tha an fheadhainn a tha ga ruith ag ràdh, airson an t-ionad a chumail a' dol.

Tha Raon Nibheis a' tàladh nam mìltean gach bliadhna, 's iad a' tabhann sgithidh agus iomadach cur-seachad eile, leithid rothaireachd beinne.

Ach ann am brath a nochd air-loidhne, thuirt an sgioba gu bheil iad air atharrachaidhean mòra fhaicinn ann am pàtrain aimsire a' Gheamhraidh, agus nach robh sgitheadh comasach ach beagan làithean san Fhaoilleach anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Thuirt iad gu bheil iad ag amas air fosgladh airson sgithidh sa Ghearran mura tig tòrr sneachda nas tràithe na tha an dùil.

Bha iad cuideachd airson a bhith soilleir nach e gearraidhean a tha seo, agus gur ann a' feuchainn ris an raon a shàbhaladh a tha iad.

Thathas an dòchas leathad tioram a thogail gus am bi spòrs sneachda comasach fad na bliadhna, ach thuirt iad gu bheil làn-fhios aca nach e seo an naidheachd a bhios daoine ag iarraidh a chluinntinn.

Dh'fhosgail Raon Nibheis o chionn 35 bliadhna, 's e stèidhichte gu h-àrd air cliathaich na h-ochdamh beinne as àirde ann am Breatainn, Aonach Mòr (1,223m/4,006tr).

Bha muinntir an àite air a bhith a' sgitheadh ann bho na 1930an.