Main content

S霉il air a' Mhapa 40

Ann an Gall-Ghàidhealaibh – sin Galloway – tha an t-ainm àite Auchentibbert. A bheil sibh ga thuigsinn? Auchentibbert – Achadh na Tiobairt – the field of the well. Tha tobar nas cumanta na tiobairt airson well ann an cainnt an latha an-diugh. Ach tha tiobairt ann an ainmean àite. Tha Port an Tiobairt ‘the harbour of the well’ air cladach Dhiùra; tha mi an dùil gun robh maraichean a’ faighinn uisge ann. Tha Coire nan Tiobairtean ‘the corrie of the wells’ ann am Muile. Agus tha Tipperty air machair Siorrachd Obar Dheathain; 始s e sin Tiobartaidh ‘place of wells’.

Tha tiobar a’ ciallachadh an aon rud ri tiobairt. Tha Tibbermore faisg air Peairt – sin An Tiobar Mòr ‘the big well’. Air crìochan Cille Brìde an Ear, tha Auchintibber ‘the field of the well’. Agus air ais ann an Gall-Ghàidhealaibh, bha ainm eile air Portpatrick o shean – b’ e sin An Tiobar Ruadh ‘the russet well’.

Ann an Èirinn, 始s e tiobraid a chanas daoine airson tiobairt. Ann an Gaeilge, 始s e Tiobraid Árann – the well by the Ara river – ainm baile car ainmeil – Tipperary ann am Beurla.