Casan Uan Earraich
Grìtheidean:
1 spàin bhùird ola-chroinn-ola
4 casan uan (shanks)
1 uinnean mòr (air a ghearradh mìn)
1 churran mòr (air a ghearradh mìn)
2 sprod seilearaidh (air an gearradh mìn)
4 clòbhan creamh (air am pronnadh)
4-5 geugan tìom (thyme)
1 phoit bheag stoc circe
500 ml gràn-ubhal (pomegranate)
450g currain bheaga milis
300g peasairean reòite
Làn na cròige de dhuilleagan mionnt
3 spàin bhùird sìol gràn-ubhal (pomegranate) - ma thogras tu.
Dòigh:
Teasaich an àmhainn gu ìre 160 no 140 ma ''s e àmhainn gaotharan a th’ agaibh.
Cleachd soitheach casaroil mòr. Teasaich an ola thairis air teas lethach àrd agus bruich na casan uan, gan tionndadh gus dèanamh cinnteach gu bheil an taobh a-muigh uile bruich agus donn. Nuair a tha iad deiseil air an taobh a-muigh, bheir às an t-soitheach iad, agus fàg gu aon taobh.
Cuir an t-uinnean, an curran, an seilearaidh, na clòbhan creamh agus beagan salainn ann am pana agus fraighig airson còig mionaidean gus a bheil iad bog. Cuir an fheòil air ais dhan t-soitheach agus cuir ris an tìom, sùth gràn-ùbhal agus an stoc-circe. Cleachd salainn agus piobar mar is miann. Bheir a-nis e chun a’ ghoil, cuir mullach air an t-soitheach agus bruich anns an àmhainn airson dà uair a thìde.
Às dèidh leth-uair bheir às an àmhainn e. Cuir ann na currain bheaga milis agus tionndaidh na casan gus a bheil iad air an còmhdach. Fàg e an uair sin a’ bruich son a’ chòrr dhen ùine gus a bheil na currain deiseil agus gus a bheil an fheòil a’ tuiteam far na cnàmhan. Tionndaidh seo a-mach air truinnsear agus caith an tìom a-mach.
Teasaich an sabhs a th’ air fhàgail anns an t-soitheach air mullach an stòbh gus am fàs e tiugh, son timcheall air deich mionaidean, air teas gu math àrd.
Cuir ann na peasairean agus till ann na casan agus na currain. Leig leis bruich airson 3-4 mionaidean eile.
Còmhdaich am biadh le beagan mionnt agus sìol gràn-ubhal ma tha thu ga chleachdadh.