Main content

L – Caol

Anns an leasan mu dheireadh, thug sinn sùil air an fhuaim “L” leathann agus an-dràsta, tha sinn a’ dol a thoirt sùil air an fhuaim “L” caol.

Gheibhear L caol far a bheil L agus fuaimreag chaol – mar E no I – na cois - agus tha e a’ dèanamh fuaim mar “L-yuh.” “L-yuh”. 'S e fuaim caol a th’ ann agus le sin thu a’ cur do theanga ann an cruth caol. Tha thu a’ cur bàrr do theanga ri d’ fhiaclan aghaidh agus a’ cur a’ chòrr dhith gu mullach do bheòil. You put the tip of your tongue behind your front teeth and put the middle of your tongue flat against the top of your mouth. Seo am fuaim a-rithist – “L-yuh” – “L-yuh.”

Seo agaibh beagan eismpleirean le “L” caol aig toiseach an fhacail:
Leabhar; leabhar. Leabaidh; leabaidh. Leòmhann; leòmhann. Leum; leum. Lìon; lìon. Lite. Lite.

Tha am fuaim seo a’ nochdadh aig deireadh facail cuideachd – ann an Gàidhlig sgrìobhte, tha seo air a chòmharrachadh le dà “L” – agus a-rithist, tha e a’ dèanamh fuaim mar “L-yuh.” Mar eisimpleir, anns na faclan:

Gille; gille. Tràill; tràill. Cailleach; cailleach. Buille; buille. Soilleir; soilleir.

Nise, tha “L” caol eile ann; ann am faclan sgrìobhte far nach eil ann ach AON “L” caol aig deireadh no meadhan an fhacail – mar eisimpleir, “sùil” no “càilear” - chan eil am fuaim buileach cho làidir agus tha e nas coltaiche ris an “L” anns an fhacal Bheurla “ill.” Mar eisimpleir, tha àite ann am Beinn na Fadhla air a bheil Nunton ann am Beurla – ach ann an Gàidhlig BaiLe nan CaiLLeach. An cuala sibh an dà fhuaim “L” eadar-dhealaichte? BaiLe nan CaiLLeach. Baile nan CaiLLeach. L agus L.

Nise, bidh an L seo – chan e an “L-yuh” ach L caol mar a gheibhear ann am Beurla - cuideachd a’ nochdadh ann an suidheachaidhean far am biodh sèimheachadh ann gu nàdarra. You’ll also hear this L sound in situations where you would usually get lenition. Cha ghabh L sèimheachadh idir ach bidh am fuaim ag atharrachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte. Ciamar? Uill, bidh e a’ dol nas caoile buileach.

Le sin, ged a chanas sinn “Tha mi a’ leughadh leabhar” – ach Leugh mi leabhar – on a tha gnìomhairean mar is trice a’ sèimheachadh anns an tràth sheachadail – verbs normally lenite in the past tense. Leugh mi Leabhar. No fiù ’s Leugh mi mo Leabhar – on a tha sèimheachadh ann às dèidh fhaclan mar “mo”, “do” agus mar sin air adhart cuideachd. An leabhar – ach mo Leabhar. An cuala sibh an t-eadar-dhealachadh?

Tha an dà fhuaim L seo coltach ri chèile – ach tha diofar mòr eadar iad agus am fuaim L leathann air an tug sinn sùil anns an leasan mu dheireadh. Faodaidh e a bhith dùbhlanach do luchd-ionnsachaidh diofar a dhèanamh eadar “L” caol agus “L” leathann - ach is math as fhiach feuchainn ri seo fhaighinn ceart – oir dh’fhaodadh am fuaim ceàrr brìgh an fhacail atharrachadh gu tur!

Mar eisimpleir, tha “L” caol aig deireadh an fhacail “baile” – town. Baile.
Ach tha “L” leathann ann am meadhan an fhacail “balla” – wall. Balla. Baile agus balla.

Mar sin, dh’fhaodadh na fuaimean ceàrr ur fàgail ag ràdh rudeigin mar “fear a tha a’ fuireach anns a’ bhalla” - a man who lives in the wall! Neo “tha mi a’ togail baile anns a’ ghàrradh agam” – I’m building a town in my garden! Mar sin thoiribh an aire!

Uill, sin e an-dràsta, ach faodaidh sibh an Leasan seo a chLuinntinn a-rithist air an Làraich-Lìn againn.