S霉il air a' Mhapa 50
Tha Clach a’ Choilich (no Clach na Coileach) ann an Gleann Sìthe. The stone of the cockerel. Ghairm coileach à mullach na cloiche air an oidhche. Thug e rabhadh do Chlann 始ic Thòmais gun robh droch dhaoine ann.
Tha am facal coileach a’ nochdadh an-siud ’s an seo air ar mapaichean. Ach 始s ann ainneamh a tha e a’ buntainn ri coileach taighe. ’S dòcha gur e Uamh a’ Choilich anns a’ Mhorbhairne eisimpleir dhiubh. Tha cuideachd dà sgeir far costa deas an Eilein Sgitheanaich air a bheil An Coileach agus a’ Chearc. The cock and the hen.
Tha An Coileach no An Coileachan air corra beinn mar ainm – ’s dòcha air sgàth an cumaidh. Tha Cnoc a’ Choilich no Creag nan Coileach ann an grunn àiteachan. Tha iadsan ag ainmeachadh a’ choilich-fhraoich ‘the male red grouse’ no a’ choilich dhuibh ‘the blackcock’. Ge-tà, chan eil coileach an-còmhnaidh a’ buntainn ri eòin. Tha e cuideachd a’ ciallachadh bras-shruth – white water no rapids – ann an abhainn. Mar eisimpleir, tha Abhainn a’ Choilich ‘the river of the rapids’ faisg air Gleann Afraig, tha Slugan a’ Choilich ‘the gorge of the rapids’ ann an Rùm agus tha grunnan allt air feadh na Gàidhealtachd air a bheil Allt a’ Choilich. Mar sin leibh an-dràsta.