Main content

D – Caol

Choimhead sinn roimhe air an fhuaim D agus fuaimreag – vowel – fuaimreag leathann na cois. A broad vowel, fuaimreag leathann. Bidh cuimhn’ agaibh gur h-iad na fuaimreagan leathann a, o agus u – sin a, o agus u – agus gur h-iad na fuaimreagan caola e agus i – sin e agus i. Leathann - a, o agus u. Caol - e agus i.

Chuala sinn san leasan mu dheireadh gu bheil am fuaim D leathann ann an Gàidhlig coltach ris an fhuaim d ann am Beurla – ach rud beag nas buige. Mar eisimpleir, “Dachaigh”, “Dorcha”, “Dùthaich” – faodaidh sibh fhèin smaoineachadh air facail eile leis an fhuaim D.

Ach le na fuaimreagan caola e agus i - tha fuaim eadar-dhealaichte ann. Tha D caol aig toiseach facail rudeigin coltach ris an fhuaim “J” anns an fhacal Bheurla “jam” - no am fuaim a tha “D” a’ dèanamh anns an fhacal “duke” - ach tha e rud beag nas cruaidhe. A slender D at the beginning of a word is similar to the J-sound in the English word “jam” – or the sound the D makes in the word “duke” – but it’s a slightly harder sound. An àite a bhith a’ cur bàrr do theanga ri mullach do bheòil, mar a dhèanadh tu le bhith ag ràdh “jam” no “duke”, tha thu a’ cur mullach do theanga ri mullach do bheòil, agus a’ cleachdadh do ghruaidhean airson an fhuaim D (D caol) a dhèanamh. Instead of touching the roof of your mouth with the tip of your tongue as you would to make an English J-sound, put the top of your tongue to the roof of your mouth and pull your cheeks in to make a D (D caol) sound.

Mar sin, ann am Beurla, canaidh sinn “jam”, “duke” – ach ann an Gàidhlig, “Dèan”. “Deàrrsadh”. “Deoch”. “Diluain”. “Dìreach”. “Dìleas”.

Feuch gun smaoinich sibh fhèin air feadhainn eile.

Nise, a’ gluasad air adhart gu D caol aig deireadh no ann am meadhan facail. Tha seo gu math coltach ris an fhuaim a gheibh sibh aig toiseach facail ach tha e rud beag nas cruaidhe agus nas fhaisge air an fhuaim “CH” anns an fhacal Bheurla “church” – ach le bàrr do theanga rud beag nas fhaisge air aghaidh do bheòil. The sound is similar to the “CH” sound in the English word “church” – but with the tip of your tongue a bit further forward. Le sin, canaidh sinn “church” ann am Beurla, ach ann an Gàidhlig, sràid. Plaide. Leithid. Sèideadh. Spaid.

Seo eisimpleir no dhà eile – carson nach can sibh na faclan còmhla rium?

Drochaid. Drochaid.
Màileid. Màileid.
Spaideil. Spaideil.
Dùn Èideann. Dùn Èideann.

Agus eisimpleir no dhà eile le D caol aig toiseach an fhacail?

Dealbh. Dealbh.
Deònach. Deònach
Diùlt. Diùlt
Dìon. Dìon.
Dithis. Dithis.

Tha mi an dòchas gu bheil na leasanan seo a’ dèanamh feum dhuibh!