Tom脿to agus mearg-bheag anns an 脿mhainn
Grìtheidean:
500g tomàtothan sam bith – feadhainn mhòra air an gearradh nan dà leth no slàn ma tha iad beag
3 meargan-beaga air an sliseadh
2-3 meanbh-uinneanan (shallots) air an sliseadh (faodar uinnean dearg a chleachdadh ma 's e as fheàrr leibh)
3 spàinean bùird ola crann-ola no rapeseed
4 uighean mòra
125g càise ricotta
Càise Parmesan, sgrìobte gu mìn
1 bhàla mozzarella, air a ghearradh
1/2 - 1 spàin tì bleideagan tiolaidh (ma thogras sibh)
Rud beag salainn agus piobar
Dòigh:
Cuir an àmhainn gu teas 180C/160Fan/Gas4
Feumaidh sibh soitheach mu 25cm x 35cm a tha ceart gu leòr san àmhainn.
Cuir na glasraich air fad dhan t-soitheach leis an ola agus salainn ‘s piobar agus cuir dhan àmhainn airson mu 20 mionaid.
Fhad ‘s a tha sin san àmhainn, measgaich na h-uighean, an càise ricotta, am Parmesan agus na bleideagan tiolaidh ma tha sibh gan cleachdadh.
Cuir sin air uachdar nan glasraich agus cuir ann am mozzarella a’ dèanamh cinnteach gum put sibh sìos e am broinn a’ mheasgachaidh.
Sgaoil rud beag Parmesan air uachdar agus cuir dhan àmhainn airson 15 mionaidean gus am bi na h-uighean bruich.
Ith còmhla ri sailead uaine agus aran sam bith.