C猫ic Nollaig
Grìtheidean:
Rùsg orainds no rusg 2 chlimidh
100 ml sùgh orainds
Rùsg 2 liomaid
100 ml Sùgh liomaid
Spàin-bhùird uisge dìthean nan oraindsear
Spàin-tì uisge ròs
3 spàinean-tì mil chlior
200g sirist ghleansach
200g rùsg measgaichte thioram
200g apracotan air an tioramachadh
175g sultanathan òr
140g dearcan ruadh
100g mango air an tioramachadh agus air an gearradh mìn (mu tha measan ann nach toigh leibh, dìreach cleachd an fheadhainn as fheàrr leibh)
280g Ìm
140g siùcar mìn òr
140g siùcar muscovado soilleir
4 uighean air am bualadh
250g flùr-lom
100g cnòthan-almoin mìn
2 spàin-tì caineal
An oidhche ron àm, no nas fhaide.
Measgaich sùgh nan ùbhlan, na h-uisgeachan agus am mil còmhla agus dòirt air feadh nam measan uile. Còmhdaich mullach a’ bhobhla agus fàg fad na h-oidhche, no nas fhaide ma thogras sibh.
Là Bèicearachd
Blàthaich an àmhainn gu 160C/140C àmhainn fan/Gas 3
Liacraich tiona cruinn meud 22 cm agus cuir a dha uiread de phàipear fuine ann. No airson cèic nas doimhne cleachd tiona meud 20 cm.
Buail an t-ìm agus an siùcar agus cuir na h-uighean ann air ar shocair.
Paisg am flùr agus an caineal dhan mheasgachadh beag air bheag.
Cuir an uairsin na cnòthan-almoin, an sùgh agus nam measan ann.
Dòirt dhan tiona (ma tha sibh ag iarraidh an cèic a bhith rèidh air a mhullach dèan lag na mheadhain cèic le spàin-bhùird).
Cuir dhan àmhainn an toiseach airson uair a thìde gu leth. Tionndaidh an teas sìos gu 140C/120C fan/Gas 1 agus fàg ann e son uair a thìde gu leth eile.
Dèan measgachadh a-nis le spàin-bhùird uisge dìthean nan oraindsear agus 50 ml sùgh orainds agus fhad ‘sa tha a’ chèic fhathast blàth dèan tuill na mullach le bioran mìn (mar cocktail stick) agus cuir spàinean tì dhan an t-sùgh air fheadh.
Leig leis fàs fuar. Cùm air a chòmhdach le pàipear-fuine ann an soitheach nach leig èadhar a-steach suas chun an Nollaig. Chun a sin, gach seachdain no deich latha, dòirt measgachadh de shùgh dìthean nan oraindsear, sùgh orainds agus siorap air fheadh.
Cha chùm an cèic seo cho fada seach nach eil deoch-làidir ann, ach mairidh e a-staigh dhan Bhliadhna Ùr.