Main content

Cearc le liomaid agus mil

Cearc le liomaid agus mil

Gritheidean a’ bhrìgheachaidh (marinade)

Rùsg liomaid air a sgrìobadh gu mìn agus an sùgh

2 spàin mhòr mil

¼ cupa ola a' chroinn-ola (extra virgin)

½ cupa duilleagan meannt air an gearradh mìn

Salann agus piobair

4 pìosan broilleach circe (gach fear air a ghearradh na thrì pìosan)

Measgaich na gritheidean airson a’ bhrìgheachaidh còmhla agus cuir ann na pìosan circe.

Cuir mullach air agus cuir dhan frids airson 10 mionaidean (no nas fhaide ma tha ùine agad).

Grilig a’ chearc air greideal theth airson 5 mionaidean gach taobh gus a bheil e air a dheagh chòcaireachd (na fàg air a’ ghreideal ro fhada e no fàsaidh e tioram).

Cuir a' chearc air truinnsear le sailead no faodaidh tu ithe le sailead am broinn wraps.

Tha e math cuideachd math le spealgan buntàta milis agus sailead.

Mìlsean Aran agus Ìm le liomaid agus spìosraich

Gritheidean

4 bonaich (hot cross)

200g crogan curd liomaid

2 ugh mòr

200 ml uachdar dùbailte

200 ml bainne

½ spàin teatha (vanilla extract)

4 spàinean mhòra siùcar (golden caster)

Suath ìm air bonn soitheach bèicearachd meud aon liotair.

Geàrr gach bonnach na thrì pìosan agus steig ri chèile iad le bhith a’ cuir curd liomaid eadar gach pìos. Cuir an uairsin dhan t-soitheach iad.

Measgaich trì de na spàinean shìucair, an còrr dhen churd agus na gritheidean eile còmhla agus dòirt air mullach nam bonnach.

Fàg am measgachadh aig ìre blais rùm airson 30 mionaid gum faigh na bonnaich deagh bhogadh.

Sgap an spàin mhòr mu dheireadh de shiùcair air uachdar a mheasgachaidh agus cuir dhan àmhainn airson 30-40 mionaid gus an stèidhich e.

Nuair a thig e a-mach às an àmhainn leig leis seasamh 5-10 mionaidean. Cuir ann am bobhlaichean le uachdar no bàrr-deigh vanilla.