Na Bonnaich Ch貌mhdaichte aig Griogair
250 g flùr plein
250 g flùr làidir arain
7g beirm
2 spàin-tì salann
2 spàin mhòr siùcar mìn
1 ugh
50g ìm bog
150ml bainne blàth
150ml uisge flodach
Airson a chòmhdaich
400g siùcar còmhdaich
3-4 spàinean-tì uisge
Dath bìdh dearg
Airson an lìonadh
150 ml uachdar a bhualadh
Silidh sùbh-làir
Feumar an toiseach an taois a dhèanamh airson na bonnaich.
Cuir an dà sheòrsa flùr tron t-sìoltachan ann am bobhla mòr agus cuir mun cuairt iad. Ann aon taobh dhan bhobhla cuir a-staigh am beirm agus air an taobh eile cuir ann an salann agus an t-siùcar.
Nise, dèan toll ann am meadhan am flùir. Tha aon ugh agus an t-ìm a dol a-staigh dhan toll sin. Cleachd spàin fhiodh airson na tha sa bhobhla uile a thoirt còmhla.
Dòirt ann am bainne agus an t-uisge. Ni e feum mhòr dhan taois ma bhios an stuth fliuch blàth. Cuidichidh seo am beirm a tòiseachadh ag obrachadh.
Cuir mun cuairt na sa bhobhla leis an spàin gus am faighear taois a tha meadhanach fliuch agus bog.
Obraich na taoise air clàr-fuine is min air fad deich mionaidean no cairteal na h-uarach co dhiù gus am bi i mìn, slìoma.
Suath bobhla le beagan ola agus cuir ann an taois. Air uachdar a bhobhla cuir pìos clingfilm agus fàg ann an àite blàth e son uair a thìde neo gus am bi meudachd a’ chnap taoise air dùblachadh.
Nuair a tha an ùine sin seachad cuir a-mach an taois air a bhòrd agus geàrr e ann an dusan pìos a tha cothromach. Dèan cumadh isbean le gach pìos agus cuir na pìosan air treadha fuine le lìnigeadh orra. Thathar ag iarraidh gum bi na pìosan taoise, na bonnaich, ann an dà loidhne de sia bonnaich agus gum bith iad cha mhòr a suathadh air a chèile.
Tha pìos cling le beagan ola a dol air am muin is thathar gam fàgail a-rithist ann an àite blàth fad trì chairteal na h-uarach neo uair a thìde. Thathar ag iarraidh gum bi iad air at is air dùblachadh a-rithist.
Dhan àmhainn le na bonnaich a-nis aig teas 180C (àmhainn gaoithe) airson 15 mionaidean.
Nuair a tha iad bruich fàg na bonnaich a’ fuarachadh mus tèid an lìonadh.
Geàrr an uair sin sìos a mheadhain iad agus cuir orra silidh sùbh-làir agus uachdar air a bhualadh.
Airson a chòmhdaich pinc measgaich an t-siùcair pùdair, trì no ceithir làn spàinne mòire de dh’uisge agus boinne no dha de dhath-bìdh dearg. Dòirt spàin mhòr dhe seo air muin gach bonnach agus sgaoil a-mach e feuch ach am bi còmhdach snog, rèidh.
Thoiribh an aire – tha e doirbh gun a bhi gan ithe sa bhad!