Tom脿tothan air an R貌stadh le Halloumi agus Quinoa
Grìtheidean:
4 Tomàtothan
1 uinnean dearg
1 spàin-bhùird binigear fìon dearg
Ola-chroinn-ola
1 spàin bheag cumin
100g quinoa
1 x 250g Halloumi air a ghearradh na shlisean
Làn a’ chròige de dhuilleagan pearsail
Aran pitta no iogart a thig leis.
Dòigh:
Teasaich an àmhainn gu 220 no 200 airson àmhainn gaotharan. Cuir na tomàtothan air treidhe fuine agus còmhdaich iad le ola, salainn agus piobar.
Ròst airson 25 mionaidean.
Cuir an t-uinnean, am binigear, 1½ spàin-bhùird ola agus cumin ann am bobhla le tòrr salainn agus piobar.
Lean dòigh còcaireachd an Quinoa, bheir as an t-uisge, agus cuir an còmhdach uinnean na lùib.
Bruich na slisean halloumi fon ghril gus a bheil dàth òr orra.
Measgaich am pearsail, na tomàtothan agus an quinoa agus còmhdaich le halloumi air uachdar.
Faodar seo ithe le aran pitta agus iogart.