Fearchar Mac Iain 脪ig
Bha Fearchar Mac Iain Òig a’ fuireach air a’ Mhormhaich, 's bha e na gheamair ann a siod, ’s e pòsd’, agus char e na mhonadh a’ latha bha seo a shealg. ’S dar a bha e air falbh thàinig a’ factor a bh’ air an oighreachd, fear MacRath a bha fuireach air an Dòrnaidh, thàinig e rathad a thogail fiachan màl a bh’ orra. ’S dar a ruig e an taigh aca cha robh staigh ach a bhean ’s cha robh sgilling aice leis am pàigheadh i màl. ’S dar a chunnaic e seo thug e leis an coire bha ri taobh an tein’ aca ’s thug e leis a’ mhart a bha sa bhàthaich, 's dh’fhalbh e leis a sin ’s char e null air Drochaid a’ Chrò, ’s bha e dèanamh air an Dòrnaidh.
Greis às dèidh sin thàinig Fearchar Mac Iain Òig a-staigh 's thuirt a’ bhean aige ris: “Nach truagh an duine thusa leig leis a’ mheairleach falbh leis a’ mhart againn.”
’S dar a chual e seo ghabh e fearg a bha uabhasach agus cha robh e ann an òrdugh math co-dhiù. Bha mhusg aige ’s am peileir innte mar a dh’fhàg e an taigh ’s bha sin a’ sealltainn nach d’ fhuair e dad as a’ mhonadh. ’S char e às dèidh a’ factor ’s bha e dìreach, an uair a rug e air, a’ dol a-null air Abhainn Choineig ma choinneamh Doras Dubhain agus bha leithid a dh’fhearg air leis a’ rud a rinn e orra gun do loisg e air ’s mharbh e e.
Dar a chunnaic e a’ rud a rinn e, char e dhachaigh ’s thug e leis na dh’fheumadh e airson a chumail beò ’s thug e monadh air, 's char e dh’fhalach ann an creag fos cionn Allt a’ Chruinn, ’s dh’fhuirich e ann a sin latha no dhà.
Agus lathaichean às dèidh sin bha ’n giùlan aig MacRath – a’ fear a mhurtadh – a’ dol seachad agus tha sgeul ag ràdh, dar a bha iad a’ dol seachad air an àite as a robh e na fhalach fhèin, gun do shìn a’ chist’ air sileadh agus, riamh bhon a’ latha sin, an t-ainm a th’ air a’ chreag as a robh e falach ’s e Creag an t-Silidh.
Agus bha e ann a sin mu sheachdain agus thug e an uairsin a-null Loch Shubhairn air far an robh piuthar màthar dha fuireach, agus ràinig e null Loch Shubhairn agus shìn e air èigheachd airson an aiseag, null gun an taigh as a robh piuthar a mhàthar a’ fuireach.
Dh’fhairich piuthar a mhàthar e ag èigheachd agus dh’èigh i ris an duin’ aice:
“Siod agad mac mo pheathar air an taobh thall ’s e ag iarraidh an t-aiseag agus guth a’ mhurtair na bheul.”
’S char an duin’ aice null ’s thug e dha an t-aiseag ’s dh’fhuirich e ann a sin còig no sia sheachdainean gus an deach a’ rud car bàs. Nuairsin char e air ais a Chinn Tàile agus bha dà uaimh aig’ as a’ mhonadh. Bha tè dhiubh ann an coire air a’ Bheinn Fhada ris an can iad an Coire Gorm ’s bha an uaimh eile, cha robh i fad sam bith às a sin. ’S dh’fhuirich e ann a sin seachd bliadhna.
’S bhiodh e cur bonn-a-sia ma choinneamh an uamhaidh a h-uile h-uair a bhiodh e falbh, gus an aithnicheadh e dar a thilleadh e ma bha duine an rathad. Latha bha seo, thàinig e air ais 's bha am bonn-a-sia air a leagail, ’s shaoil e gun tàinig neach-eigin a’ rathad ’s gu robh e air a dhèanamh a-mach far an robh e falach ’s thug e ùine mhòr mas deach e faisg air an uamhaidh sin a-rithist. Ach tha e coltach nach deach duine a’ rathad – gu robh e samhlachdainn às dèidh sin gu faodadh gur e eun a leag am bonn.
Ach co-dhiù, thug e seachd bliadhna an sin ’s bha e an uairsin, bhiodh e an dùil leis a’ lagh – gu faigheadh e mathanas às dèidh seachd bliadhna thoirt gun breitheachd air, ach bha uimhir a dh’fhearg air Seaforth le gun do mharbh e factor aige ’s nach toireadh e mathanas dha.
Agus an uair a bha sin, chuir Seaforth a-mach fios airson trì cheud daoine a thigeadh a chogadh dha, an aghaidh Clann ’ic Leòid às Cataibh, agus chruinnich iad as a’ Phàirc Mhòr shuas aig Ceann Loch Dubhthaich, ach cha do chruinnich an trì cheud: cha robh ann ach glè bheag. Agus dar char Seaforth suas, dh’fhaighnich e ri na h-oifigichean aige ciamar a bha cho beag ann, ’s thuirt a’ fear a bha seo ris:
“Am bheil sin iongantach agus nach aithnich thu an duine as fheàrr a th' ann an Cinn Tàile na Loch Aills’?”
“Cò tha sin, a’ fear as fheàrr a th' ann an Cinn Tàile na Loch Aills’?”
“Tha fear a tha sa mhonadh – Fearchar Mac Iain Òig.”
“Well, leig fios dha gu bheil mi toir dha mathanas, ma thig e dhan arm còmhla rium.”
’S rinn e seo ’s sheall e gu robh e cho math ri duine a bh' ann an Cinn Tàile na Loch Aills, ’s fhuair e mathanas an uairsin bho Seaforth.