搁辞-谤脿诲丑
Ro dheireadh 1918, ged a bha sabaidean nàimhdeil fhathast anns a’ Bhaltaic agus anns an Ruis, bha a’ chiad chogadh seachad agus bha seòladairean is saighdearan air an t-slighe dhachaigh air fòrladh na Bliadhn’ Ùire.
Chaidh beagan na bu lugha na millean Breatannach (994,138) a chall rè bliadhnaichean a’ chogaidh, eadar na trainnsichean, a’ mhuir agus bàis shìobhalta. Chaidh còrr is millean gu leth eile a leòn. Am measg na chaidh a chall, bha mu 1000 duine à Leòdhas ‘s na Hearadh, far nach robh ach 30,000 de shluagh.
Bha slighe fada aig na Gàidheil, ‘s trèanaichean bho chost a deas Shasainn a’ dol a dh’aona-gnothaich gu Glaschu, Sruighlea, Peairt agus Inbhir Nis. An sin, thug trèana Highland Railway fir à Leòdhas, na Hearadh agus an Eilean Sgitheanach gu Caol Loch Aillse, far an robh Leifteanant Commandair Walsh a’ feitheamh orra le dà bhàta – Bàta-smùid Mhic a’ Bhruthainn, an SS Sheila, agus a’ gheat HMY Iolaire.
Bha Caol Loch Aillse air ghoil, le còrr is 500 duine air bhioran air a’ chidhe. Bha gach fear dhiubh sgìth is fadachd orra gus an dachaighean a ruighinn. Bha cuid nach robh air an dachaigh fhaicinn bho thòisich an cogadh.
Bha 320 nam measg a’ dol gu Steòrnabhagh, ach bha fios nach fhaigheadh iad uile air bòrd an t-Sheila. Leis an sin, chaidh an Iolaire a thoirt tarsainn a’ Chuan Sgìth a thogail nan seòladairean eile.
Bha dà oifigear air an Iolaire – First Officer Lieutenant Leonard E Cotter agus Chief Engineer Sub Lieutenant C Rankin - ‘s an Caiptean, Commandair Richard G W Mason RD os an cionn. Cuide riutha bha 21 de chriutha.
Nuair a ràinig an Iolaire an Caol, mu 4f, bha beagan deasbaid eadar an sgiobair, Commandair Mason, agus Leifteanant Commandair Walsh, a bha os cionn gnothaichean anns a’ Chaol. Bha Commandair Mason iomagaineach mun uidheamachd teasairginn a bh’ air bòrd – cha robh air an Iolaire ach dà bhàta-teasairginn agus 80 seacaid-teasairginn. Cuideachd, cha robh i a-riamh air a dhol a-steach a Steòrnabhagh an dubh na h-oidhche.
Ach cha do sheas na còmhraidhean eatorra fada oir nochd dà thrèana eile aig a’ chidhe, ‘s iad làn sheòladairean.
Chuir Commandair Mason 60 fear air bòrd an Sheila. Cha ghabhadh i an còrr ‘s i làn de mhuinntir nan eilean, agus chaidh 260 a chur air bòrd an Iolaire.
Thog an Iolaire cùrsa air Steòrnabhagh aig 1930 (ged a chanas cuid gur ann aig 2130), ‘s dh’fhalbh an Sheila mu leth uair a thìde as a dèidh. Dh’fhàg na fir an Caol an dèidh an sàbhaladh anns a’ chogadh. Bha Bliadhn’ Ùr air fàire is iad a’ cur aghaidh oirre le misneachd is dòchas.
Aig a’ cheart àm, bha gàirdeachas air feadh nan Eilean. Ann an Leòdhas ‘s na Hearadh bha teaghlaichean trang ag ullachadh ‘s fir an gràidh a’ tilleadh bhon bhlàr.