S霉il air a' Mhapa 56
Tha am facal droigheann gu math inntinneach. Tha e a’ ciallachadh ‘lus le bioran air’ – gu sònraichte an droigheann dubh no blackthorn – ach uaireannan an dris no bramble cuideachd. Tha Port nan Droigheann, mar eisimpleir, air cladach a deas Mhuile. Tha sin a’ ciallachadh ‘the harbour of the thorn plants’. Tha àite eile air a bheil Port nan Droigheann cuideachd ann an Àird nam Murchan.
Gu tric, tha am facal a’ nochdadh anns an dreach ghinideach – mar ‘an droighinn’ – mar eisimpleir Allt an Droighinn ‘thorny burn’ faisg air Srath Chonain. Ann an Asainte, tha Allt Poll an Droighinn ‘the burn of the thorny bog’. Agus tha Allt Innis an Droighinn ‘the burn of the thorny meadow’ ann an Gleann Afraig. Ann am Beàrnaraigh Leòdhais, tha Mol an Droighinn ‘the shingle beach of the thorn plant’. Agus faisg air Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal, tha Loch an Droighinn ‘the loch of the thorn plant’. Gu tuath air sin air cladach Loch Èite, tha Rubha Àird an Droighinn ‘the point of the headland of the thorn plant’. Bhiodh e inntinnteach a dhol do na h-àiteachan sin airson faicinn a bheil na lusan biorach fhathast a’ fàs annta!