Main content

S霉il air a' Mhapa 71

Tha am facal tìr ‘land’ gu math inntinneach. Tha faclan coltach anns a h-uile cànan Ceilteach. Agus tha e càirdeach do terra ann an Laidinn agus terre ann am Fraingis. An siud 始s an seo, tha e cuideachd air mapa na h-Alba.

Tha e ann an Tiriodh no Tiridhe – Tiree. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘land of corn’ oir tha an t-eilean gu math torrach. Ann an Eilean Lios Mòr tha Tirfuir – Tìr a’ Phùir ‘the land of the pasture’. Anns an Ros Mhuileach, tha Tiraghoil – Tìr a’ Ghoill – ‘the land of the foreigner’. Cuideachd ann am Muile, tha Tiroran – Tìr Òdhrain ‘St Oran’s land’ agus, air ceann a-mach rubha faisg air beul an Locha Bhuidhe, tha Tòn Tìre ‘the end – or backside – of the land’. Taobh Loch Obha, air tìr-mòr Earra-Ghàidheal, tha Tervine no Tìr Mhìne ‘land of meal’.

Chan eil am facal cumanta taobh a-muigh Earra-Ghàidheal. Tha aon eisimpleir ann an Siorrachd Pheairt a tha inntinneach. Tirine, faisg air Obar Pheallaidh. 始S e sin Tìr Ìngnidh ‘land of the claw place’. An sin, tha glac ann an cumadh cas eòin.