S霉il air a' Mhapa 84
Tha na faclairean ag innse dhuinn gur e ciall an fhacail easgann – eel. Cho sleamhainn ri easgann ‘as slippery as an eel’. Mar a bhiodh dùil, tha ainmean-àite le easgann annta. Air a’ chladach ann an ceann a deas an Eilean Sgitheanaich, faisg air Ealaghol, tha Rubha na h-Easgainne ‘the point of the eel’. Air a’ chladach ann an Eilean Phabaigh, anns na h-Eileanan an Iar, tha Loch na h-Easgainn ‘the loch of the eel’.
Ge-tà, faisg air Loch Nis, shuas sa mhonadh, tha beinn ann air a bheil Càrn Easgann Bàna – ‘hill of white eels’? Agus gu h-àrd sa Mhonadh Liath, tha Coire na h-Easgainn ‘the corrie of the eel’. Am bi easgannan dha-rìribh a’ dèanamh an slighe gu na h-àiteachan sin, pìos air falbh bho abhainn no allt?
Uill, tha ciall eile air easgann – natural ditch no bog with ditches. Tha easgann stèidhichte air an t-seann fhacal Cheilteach easg – a’ ciallachadh ‘uisge’. Tha aibhnichean ann air a bheil Easg mar ainm chun an latha an-diugh. Chan e àite tioram a th’ ann an easgann.
Mar sin, 始s e Càrn Easgann Bàna, tha mi an dùil, ‘hill of white bog ditches’ – 始s dòcha gu bheil an canach a’ fàs ann. Agus Coire na h-Easgainn ‘the corrie of the bog’.