Main content

L – Leathann

Anns an dà leasan a tha romhainn, tha sinn a’ dol a thoirt sùil air an fhuaim L. L airson latha, lom agus luch.

Tha sinn air cluinntinn roimhe mu fhuaimreagan ann an Gàidhlig. Bidh cuimhn’ agaibh gu bheil dà sheòrsa fuaimreag ann – na fuaimreagan leathann - a, o agus u agus na fuaimreagan caola e agus i, agus gu bheil buaidh aig an t-seòrsa fuaimreag a th’ ann air a’ chonnraig – sin consonant - a’ chonnraig a tha na cois. Whether a vowel is broad or slender has an effect on the sound of any consonants which immediately precede or follow it.

Anns an leasan seo, agus an ath leasan, tha sinn a’ dol a thoirt sùil air an dà sheòrsa L a tha seo agus mar a tha iad eadar-dhealaichte bho fhuaimean na Beurla, agus cuideachd mar a tha iad eadar-dhealaichte bho chèile.

An toiseach fuaim L leathann, mar a gheibh sibh aig toiseach fhaclan mar latha agus Lùnastal agus aig deireadh fhaclan leithid càl, agus ball.

Airson an fhuaim seo – L – a dhèanamh, tha bàrr ur teanga eadar ur fiaclan aghaidh – L - ach tha thu ag ìsleachadh a’ chòrr dhe do theanga. Put your tongue between your front teeth and lower the rest of your tongue so it’s curled. Le sin, tha thu a’ dèanamh fuaim mar seo, “L” (fuaim leathann). Latha. Luch. Lùnastal. Loch.

Mar eisimpleir, ’s e am facal Gàidhlig airson “lamp”, lampa. “Lamp” ann am Beurla, ach ann an Gàidhlig, Lampa. “Lamp” – le L Beurla ach lampa le L tiugh – a thick L - ann an Gàidhlig. An cuala sibh an t-eadar-dhealachadh? “Lamp”. Lampa. “Lamp”. Lampa.

Seo agaibh eisimpleir no dhà eile:

Lapach. Lapach.
Ladarna. Ladarna.
Lom. Lom.
Lùchairt. Lùchairt. L.

Gheibhear an aon fhuaim aig deireadh agus am meadhan fhaclan cuideachd. Mar eisimpleir:

Mall. Mall.
Salach. Salach.
Galair. Galair.
Caol. Caol.
Moladh. Moladh.
Gul. Gul.
Fallainn. Fallainn.
Alba. Alba.
Falt. Falt.

Agus eisimpleir no dhà le connrag ron L.

Blàth. Blàth.
Glan. Glan.
Gluais. Gluais.
Tlachdmhor. Tlachdmhor.
Bloigh. Bloigh.

Sin agaibh L leathann ma-thà. Feuch gum bi sibh mothachail air an fhuaim seo agus bidh blas nas nàdarraiche air ur cuid Gàidhlig.