Fe貌il Uan Sp矛osraidh le F矛on Port
Grìtheidean:
2 phunnd feòil amhaich uan air a ghearradh nan caoban (lamb neck fillets)
1 spàin-tì sìol cardamom
1 spàin-tì sìol cumin
1 spàin-tì caineal air a phronnadh (cinnamon)
2 spàinean mòra ola (frying)
12 shallots bheaga
1 spàin mhòr flùr plèan
300 ml fìon port
800 ml sùgh feòil uain no feòil mairt
300 gram prùnaichean
1 sprod caineal (cinnamon stick)
Salainn agus piobar dubh air a phronnadh
1 pomegranate (dìreach an sìol)
Bad meannt
Dòigh:
Teasaich an àmhainn gu 180c / 160 fan / Gas 4
Ann am mortar & pestle cuir sìol nan cardamom agus an cumin agus pronn gus a bheil iad caran mìn. Cuir ris fùdar a’ chaineal agus ola airson taois a dhèanamh agus suath air feadh na caoban feòla.
Ann am bobhla mòr trom, fraighig an fheòil ann an rud beag eile ola gus a bheil na caoban donn agus cur gu aon taobh.
Anns an aon phana, fraighig na shallots airson còig mionaidean gus a bheil iad soilleir donn agus an uairsin till ann an fheòil uan, cuir ris am flùr agus còcairich airson mu mhionaid.
Cuir ann am fìon port, an sùgh, na prùnaichean agus an sprod caineal.
Cuir a-nis ann an salann agus am piobar. Cuir mullach air a’ bhobhla agus cuir dhan àmhainn airson uair a thìde.
Cuir a-mach air truinnsearan agus sgaoil sìol a’ phomegranate agus beagan dhen bhad meannt air a shracadh.