15/10/2007
Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
An Litir Bheag 126
Duration: 03:44
An Litir Bheag 126
Halò, a chà irdean. Tha mi a’ dol a thòiseachadh an t-seachdain seo le rann. Rann a bhios freagarrach do chloinn òig – agus, tha mi an dòchas, do luchd-ionnsachaidh:
Seo am fear a bhris an sabhal
Seo am fear a ghoid an t-arbhar
Seo am fear a sheas ag amharc
Seo am fear a theich air falbh
Seo am fear a dh’innis e, a dh’innis e, a dh’innis e.
A bheil fios agaibh cò mu dheidhinn a tha an rann? Tha còig loidhnichean ann, nach eil? Dè na rudan air a’ bhodhaig a tha ann am buidhnean de chòig? Seo an rann a-rithist:
Seo am fear a bhris an sabhal
Seo am fear a ghoid an t-arbhar
Seo am fear a sheas ag amharc
Seo am fear a theich air falbh
Seo am fear a dh’innis e, a dh’innis e, a dh’innis e.
’S e rann a th’ ann a tha a’ gabhail a-steach nan corragan. Na còig corragan. Tha thu a’ tòiseachadh leis an òrdaig. Tha thu a’ crìochnachadh leis an lùdaig bhig. Bidh pà rantan ag aithris na rainn do na leanaban aca. Bha, co-dhiù. Tha mi an dòchas gu bheil fhathast.
Ann an Eilean Arainn bha an rann rud beag eadar-dhealaichte. Agus ’s e tè an à ite fear a bha aca. Seo an rann Arainneach:
Seo an tè a leig an sabhal
Seo an tè a ghoid an sìol
Seo an tè a sheas ag amharc
Seo an tè a ruith air falbh
Seo an tè bheag a b’ fheudar dhi a phà igheadh air fad
Nise, bha an aon seòrsa rainn cuideachd ann am Beurla. Seo eisimpleir:
This is the one that broke the barn
This is the one that stole the corn
This is the one that stood and saw,
This is the one that ran awa’
This is the man that paid for a’.
Tha mi a’ smaoineachadh gun tà inig an rann bhon Bheurla don Ghà idhlig. Carson a tha mi ag rà dh sin? Tha, a chionn ’s gu bheil an comhardadh nas fheà rr ann am Beurla na tha e ann an Gà idhlig. Carson nach ionnsaich sibh fhèin an rann seo – ann an Gà idhlig? Nuair a thachras sibh ri pà iste aig a bheil Gà idhlig – no eadhon aig nach eil – bidh cothrom agaibh a chluich leis. Mar sin leibh.
Faclan is abairtean
Broadcast
- Mon 15 Oct 2007 19:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.