Main content
Sorry, this episode is not currently available

14/04/2008

Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain.

5 minutes

Last on

Mon 14 Apr 2008 19:00

Clip

An Litir Bheag 153

Tha mo smuaintean air Blàr Chùil Lodair an t-seachdain seo. Bha mi a’ leughadh o chionn ghoirid mu Phàdraig Grannd. B’ e far-ainm Phàdraig Dubrach no Auld Dubrach. Bha Pàdraig ainmeil. B’ esan am fear mu dheireadh a chaochail a bha aig Blàr Chùil Lodair. Chaochail e ann an ochd ceud deug, fichead ’s a ceithir (1824).

Rugadh Pàdraig Grannd ann am baile beag ann an sgìre Bràigh Mhàrr. Tha sin ann an Siorrachd Obar Dheathain. Ann an Gàidhlig ’s e an t-ainm air a’ bhaile An Dubh-bhruach. Ann am Beurla – Dubrach. Bha Seumasachd làidir anns an sgìre sin.

Thàinig Bliadhna a’ Phrionnsa. Bha Pàdraig na thàillear. Sguir e an obair aige. Chaidh e an cois arm a’ Phrionnsa.

Bha e treun. Bha e ri gaisgeachd aig Blàr Sliabh a’ Chlamhain – the Battle of Prestonpans. Ràinig e ìre sàirdseant-màidsear ann an arm a’ Phrionnsa. Bha e fhathast anns an arm sin aig Cùil Lodair. Bha e air a chur an grèim. Chaidh e don phrìosan. Bha am prìosan ann an Sasainn.

Ach rinn e dol-às. Thill e a dh’Alba. An ceann greis bha e a’ fuireach ann an Gleann Lethnochd ann am Bràigh Aonghais.

Phòs e tè Màiri Chuimeanach. Bha Màiri mòran na b’ òige na Pàdraig. Bha ise cuideachd à Bràigh Mhàrr. Bha dithis chloinne aca. Chaidh na bliadhnaichean seachad. Bha Pàdraig is Màiri a’ fuireach ann an Gleann Lethnochd. Chaochail Màiri ann an ochd ceud deug ’s a h-aon-deug (1811).

Bha Pàdraig – no Dubrach – ainmeil. Bha e air a bhith a-muigh leis a’ Phrionnsa. Bha e a’ fàs sean. Bha e ag innse stòiridhean do dhaoine òga mun bhliadhna aige còmhla ri Teàrlach Òg.

Nuair a bha e uabhasach sean, thachair rudeigin iongantach dha. Bha e ceud ’s a h-ochd (108) bliadhna a dh’aois. Thachair e ris an Rìgh. Dè thuirt an Rìgh ris? An robh Pàdraig duilich gun robh e air a bhith na reubaltach? Chì sinn an ath sheachdain dè dìreach a thachair.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: Blàr Chùil Lodair: The Battle of Culloden; Pàdraig Grannd: Peter Grant; Dubrach: far-ainm: nickname; An Dubh-bhruach (W of Linn of Dee); b’ esan am fear mu dheireadh a chaochail a bha aig Blàr Chùil Lodair: he was the last man to die [who died] who had been [was] at the Battle of Culloden; Bràigh Mhàrr: Braemar; Siorrachd Obar Dheathain: Aberdeenshire; Seumasachd: Jacobitism; Bliadhna a’ Phrionnsa: 1745-6 (the year of the Prince); bha Pàdraig na thàillear: Peter was a tailor; sguir e an obair aige: he stopped his work; chaidh e an cois arm a’ Phrionnsa: he went along with the Prince’s army; treun: brave;

bha e ri gaisgeachd: he was involved in heroic deeds (heroism); Blàr Sliabh a’ Chlamhain: The Battle of Prestonpans (originally Gladmuir); sàirdseant-màidsear: sergeant-major; bha e air a chur an grèim: he was captured; chaidh e don phrìosan: he went to [the] prison; rinn e dol-às: he escaped; thill e a dh’Alba: he returned to Scotland; an ceann greis: after a period; Gleann Lethnochd ann am Bràigh Aonghais: Glen Lethnot in the Glens [upland area] of Angus; phòs e tè Màiri Chuimeanach: he married a [woman] Mary Cumming; mòran na b’ òige na Pàdraig: much younger than Peter; à Bràigh Mhàrr: from Braemar; bha dithis chloinne aca: they had two children; bha e air a bhith a-muigh leis a’ Phrionnsa: he had been out with the Prince; bha e a’ fàs sean: he was growing old; bha e ag innse stòiridhean do dhaoine òga: he was telling stories to young people; mun bhliadhna aige còmhla ri Teàrlach Òg: about his year with Young Charles (the prince); thachair rudeigin iongantach dha: an amazing thing happened to him; thachair e ris an Rìgh: he met the king; an robh Pàdraig duilich gun robh e air a bhith na reubaltach: was Peter sorry he had been a rebel?

Broadcast

  • Mon 14 Apr 2008 19:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast