04/07/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 470
Duration: 05:43
Litir 470: Na Tr矛 Coin Uaine
Bu mhath leam st貌iridh innse dhuibh an t-seachdain seo. 鈥橲 e seann st貌iridh a th鈥 ann agus 鈥檚 e an t-ainm a th鈥 air 鈥淣a Tr矛 Coin Uaine鈥. Chaidh a chruinneachadh ann an Eilean Eige o chionn fhada.
Bha ann uaireigin prionnsa agus a phiuthar. Chaochail an athair agus am m脿thair. Bha am prionnsa agus a phiuthar a鈥 fuireach c貌mhla. Gach latha bhiodh am prionnsa a鈥 falbh don mhonadh 脿s d猫idh nan caorach. Mus fhalbhadh e, bhiodh e ag iarraidh air a phiuthair gun a falt a ch矛readh no an uinneag thuath fhosgladh gus an tigeadh e dhachaigh.
Latha a bha seo, thachair am prionnsa ri duine sa mhonadh. Bha tr矛 coin uaine aig an聽duine.
鈥淎n ceannaich thu na coin seo bhuam?鈥 ars an duine.
鈥淐han eil dad agam a bheirinn dhut air an son,鈥 fhreagair am prionnsa. 鈥淎n toireadh tu molt dhomh air an son?鈥 thuirt am fear eile. 鈥淏heireadh,鈥 thuirt am prionnsa.
鈥淭h猫id mise an urras nach gabh thu aithreachas airson sin,鈥 ars an duine. 鈥淚s iad ainmean nan con 鈥 Fios, Luaths agus Trom. Nuair a th猫id thu don bheinn-sheilg cha bhi agad fh猫in ach suidhe air cnoc agus na coin a chur air falbh. Bidh fios aig Fios far am bi na f猫idh. Beiridh Luaths orra. Agus bheir Trom dhachaigh iad.鈥
Sin mar a bha. Fhuair an duine am molt agus fhuair am prionnsa na coin. An ath mhadainn, dh鈥檉halbh am prionnsa don bheinn-sheilg. Ach bha uiread toileachais air 鈥檚 gun do dh矛ochuimhnich e innse do phiuthar gun a falt a ch矛readh no an uinneag thuath fhosgladh gus an tigeadh e dhachaigh.
Shuidh am prionnsa air cnoc. Chuir e na coin air falbh. Bha fios aig Fios far an robh na f猫idh. Rug Luaths orra. Thug Trom dhachaigh iad.
Nuair a bha iad air an rathad dhachaigh thug Fios naidheachd don phrionnsa. Dh鈥檌nnis e dha gun robh tr矛 famhairean air a dhol a choimhead a pheathar. Rinn na famhairean uamh fon taigh. Rinn iad toll tron 霉rlar. Air an toll chuir iad sguiteal (trapdoor). Air an sguiteal chuir iad cathair. Rinn iad fh猫in agus a鈥 phiuthar suas eatarra gun iarradh ise air a br脿thair suidhe air a鈥 chathair. Bhiodh e a鈥 tuiteam don uaimh agus dh鈥檌theadh na famhairean e.
鈥淕abh thusa mo chomhairle,鈥 thuirt Fios ris a鈥 phrionnsa. 鈥淣a suidh air a鈥 chathair idir. Nuair a bheir thu am brochan againn dhen teine, cuir air an sguiteal e. Th猫id mi fh矛n agus an d脿 ch霉 eile am bad a ch猫ile. Cuiridh sinn car dhen phoit, agus dhen sguiteal. Tuitidh am brochan mu chinn nam famhairean agus th猫id an losgadh.鈥
Sin mar a bha. Nuair a th脿inig am prionnsa dhachaigh th貌isich a phiuthar air a ghr脿dhachadh. Dh鈥檌arr i air suidhe air a鈥 chathair.
鈥淐ha shuidh,鈥 ars esan. 鈥淪uidhidh mi far an togair mi fh矛n.鈥
Thug e am brochan dhen teine. Chuir e air an sguiteal e. Th貌isich na coin air sabaid. Chuireadh car dhen phoit agus dhen sguiteal. Thuit am brochan mu chinn nam famhairean agus a-mach air an doras a ghabh iad.
A-mach 脿s an d猫idh ghabh am prionnsa agus na coin. Dhall iad air na famhairean. Chaidh na famhairean a-steach air doras na h-uamha. Thill am prionnsa agus na coin dhachaigh agus ghabh iad fois.
An ath mhadainn thill am prionnsa agus na coin don bheinn-sheilg. Agus d猫 bha a鈥 dol a thachairt air an latha sin? Faodar a bhith cinnteach nach robh droch obair nam famhairean seachad fhathast.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 4 Jul 2008 11:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.