![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
10/10/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 484
Duration: 05:39
Litir 484: Sir Iain MacCoinnich
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun fhear-phoilitigs ainmeil Sir Iain MacCoinnich. Rugadh is thogadh e ann an taobh sear Rois ach ghluais e gu ruige New Zealand, no Sealan Nuadh, cuide ri bhean ann an ochd ceud deug is seasgad. Chaidh iad gu t矛r ann am Port Chalmers, faisg air D霉n 脠ideann anns an Eilean mu Dheas. Bha t貌rr dhaoine 脿 Alba a鈥 fuireach anns an sg矛re sin.
Leis gun do thogadh Iain mar ghille tuathanaich air a鈥 Gh脿idhealtachd, bha e comasach air c矛obaireachd is obair fearainn. Fhuair e obair sa bhad mar ch矛obair gu tuath air D霉n 脠ideann. Dh鈥檕braich e gu cruaidh. Bhiodh a bhean ag r脿dh gur gann gum fac鈥 i e nuair a bha solas an latha ann. Ach, taobh a-staigh d脿 bhliadhna, bha airgead gu le貌r aca airson tuathanas a cheannach. Thug Iain 鈥淎rdross鈥 mar ainm air an tuathanas 鈥 脿s d猫idh an 脿ite anns an do thogadh e ann an Alba.
Chaidh Iain an s脿s ann am poilitigs aig 矛re ionadail agus ann an ochd ceud deug, ochdad 鈥檚 a h-aon (1881) chaidh a thaghadh mar bhall p脿rlamaid. Bha e gu bhith air falbh t貌rr dhen 霉ine ann am Wellington, pr矛omh bhaile na d霉thcha.
Bha e na bhall de na Libearalaich a bha l脿idir anns an Eilean mu Dheas, gu h-脿raidh ann an sg矛rean d霉thchail. Chuir e roimhe a bhith a鈥 d矛on nan tuathanach beaga, agus a bhith ag adhartachadh c貌raichean nan daoine beaga fearann a bhith aca. Chunnaic e an sgrios a rinn uachdranachd fearainn ann an Alba. Nuair a bha e c貌ig bliadhna a dh鈥檃ois, chunnaic e muinntir Ghleann Chailbhidh 脿s d猫idh gun deach am fuadachadh bhon dachannan.
Cha robh e idir airson 鈥檚 gun tachradh an aon rud ann an Sealan Nuadh. Agus fhuair e an cothrom a phoileasaidhean a chur an s脿s aig 矛re n脿iseanta. Bha e na Mhinistear airson an Fhearainn agus an 脌iteachais anns an Riaghaltas Libearalach eadar ochd ceud deug, naochad 鈥檚 a h-aon (1891) agus a鈥 bhliadhna naoi ceud deug (1900).
Rinn e ceithir rudan a dh鈥檃tharraich sealbh an fhearainn ann an Sealan Nuadh. Thug e a-steach c矛s fearainn. St猫idhich e cothrom do dhaoine fearann a bhith aca air mh脿l gu s矛orraidh 鈥 rud ris an canar an 鈥999-year lease鈥 ann am Beurla. Cheannaich an Riaghaltas oighreachd mh貌r, agus bhris iad an oighreachd airson tuathanasan beaga a chruthachadh. Agus st猫idhich e ann an lagh cead a bhith aig an riaghaltas fearann a cheannach an aghaidh toil an duine leis an robh e. Agus c貌rr is ceud bliadhna mus deach c貌raichean muinntir na h-Alba coiseachd far an togradh iad air beanntan na d霉thcha seo a st猫idheachadh ann an lagh, bha Iain MacCoinnich airson 鈥檚 gum biodh c貌raichean mar sin aig muinntir Shealain Nuaidh.
Mus robh MacCoinnich na Mhinistear airson an Fhearainn, bha uachdranachd fearainn a鈥 f脿s. Bha Sealan Nuadh a鈥 gluasad a dh鈥檌onnsaigh modal rudeigin Albannach, anns am biodh m貌ran fearainn ann an l脿mhan beag-chuid de dhaoine beartach. Bha cuid de dh鈥檕ighreachdan fearainn, gu h-脿raidh anns an Eilean mu Dheas, a鈥 f脿s m貌r m貌r. Ach, anns an deichead san robh MacCoinnich na Mhinistear, chaidh 1.3 millean acaire fhosgladh airson tuathanasan beaga a chruthachadh. Fhuair seachd m矛le teaghlach buannachd dh矛reach 脿s.
Ach bha aon bhuidheann nach robh toilichte oir bha fearann m貌r aca 鈥 gu h-脿raidh anns an Eilean mu Thuath. Na Maori. Ch矛 sinn mar a thug poileasaidhean MhicCoinnich buaidh orrasan anns an ath Litir.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach: Bhiodh a bhean ag r脿dh gur gann gum faca i e nuair a bha solas an latha ann: his wife would say that she hardly saw him during daylight hours [when there was daylight].
Broadcast
- Fri 10 Oct 2008 11:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.