![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
05/12/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 492
Duration: 05:40
Litir 492: Robbie Northway
Anns a鈥 Ghiblean d脿 mh矛le 鈥檚 a h-aon (2001) nochd dithis phoileas agus dithis mhaor-siorraim anns an t-Srathan air a鈥 Pharbh. Bha iad ann airson d猫anamh cinnteach gum biodh Robbie Northway a鈥 gluasad a-mach 脿s a鈥 bhothan anns an robh e air a bhith a鈥 fuireach gun chead. Bha a鈥 bhean aige mu thr脿th air a dhol a dh鈥檉huireach air taobh an ear na G脿idhealtachd. Ach bha Robbie fhathast ann.
Bha Robbie co-obrachail. Thugadh a h-uile ball 脿irneis a-mach 脿s an taigh. Chaidh an doras a ghlasadh. Agus choisich an c貌ignear thar na m貌intich chun an rathaid.
Nuair a r脿inig iad an rathad, chaidh lioft a thabhann do Robbie gu ruige Baile Dhubhthaich far an robh a鈥 bhean aige a-nise a鈥 fuireach. Thuirt e ris na poilis gum biodh e a鈥 tilleadh an ceann latha no dh脿 airson an stuth aige a thoirt air falbh. Gheibhear cunntas dhen 霉ine a chuir na Northways seachad anns an t-Srathan anns an leabhar 鈥淲ilderness Dreams鈥 le Mike Cawthorne. Tha Cawthorne fh猫in a鈥 cur nan ceist 鈥 carson nach deach an stoc aig na Northways a thrusadh? Agus carson nach do chuir an t-貌rdugh-c霉irte stad orra bho bhith a鈥 tilleadh ann? A r猫ir an 貌rduigh, cha robh cead aca dhol a dh鈥檉huireach anns a鈥 bhothan a-rithist. Ge-t脿, cha do chuir e stad air na Northways bho bhith a鈥 fuireach ann an n脿baidheachd a鈥 bhothain.
Agus 鈥檚 e sin, gu dearbh, na thachair. Bha Robbie deimhinne gun robh e ceart ann a bhith ag 脿iteachadh na talmhainn anns an t-Srathan, co-dhi霉 bha am bothan fosgailte dha gus nach robh. Mar sin, thill e don 脿ite agus thog e bruchlag de ph矛osan iarainn aig ceann an taighe. Bha i beag is tais agus b鈥 fheudar do Robbie teine m貌nach a bhith aige fad an t-siubhail airson a鈥 mheanbh-chuileag a chumail a-mach.
Le seann chrann air a cheangal ris a鈥 ghearran aige, rinn Robbie obair treabhaidh. Chuir e todhar is feamainn air an talamh. Th貌isich e air p矛os talmhainn a dh猫anamh r猫idh airson taigh a thogail. Bhuain e m貌ine. Thog e g脿rradh m貌r fada. Chuir e bunt脿ta. Bha a h-uile rud sin iongantach oir bha e a鈥 fulang droch shl脿inte.
Nochd buill Chomann Bothain nam Beann airson obair leasachaidh a dh猫anamh air a鈥 bhothan. Bha iad m矛-thoilichte gun robh Robbie fhathast a鈥 fuireach ri taobh a鈥 bhothain. 鈥淏ha e,鈥 thuirt fear aca, 鈥渕ar gun robh duine a dh鈥檉heuch ri m猫irle a dh猫anamh anns an taigh agad air gluasad an ath dhoras.鈥 Ach fhuair iad air adhart math gu le貌r leis nuair a bha iad ann. Agus, anns an fharsaingeachd, tha e coltach gun robh daoine a鈥 toirt sp猫is dha airson na sp脿irne a rinn e.
Ach feumaidh nach robh a h-uile duine riaraichte. Chan eil luchd-fianais ann a dhearbhas na thachair, ach tha Robbie a鈥 cumail a-mach gun do choisich dithis fhear 貌g don t-Srathan Did貌mhnaich a bha seo anns an L霉nastal d脿 mh矛le 鈥檚 a h-aon (2001). Bha iad tapaidh agus bhruidhinn iad Beurla le blas a bhuineadh do cheann a tuath Shasainn. Rinn iad dochann air Northway agus dh鈥檌nnis iad dha gun robh an t-脿m aige teicheadh.
Agus 鈥檚 e sin a rinn e. Th脿inig caibideil bheag annasach ann an eachdraidh taobh an iar-thuath na G脿idhealtachd gu cr矛ch le fuadachadh is dochann. Aig a鈥 cheann thall, 鈥檚 d貌cha nach robh Robbie Northway cho buileach eadar-dhealaichte bho mh貌ran de na G脿idheil a bha be貌 anns na linntean roimhe.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 5 Dec 2008 11:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.