02/01/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 496
Duration: 05:17
Litir 496: Balla Antonine
Nuair a bha mi aig a鈥 Mh貌d N脿iseanta anns an Eaglais Bhric an-uiridh, ghabh mi an cothrom s霉il a thoirt air Balla Antonine, an rud as motha a thog na R貌manaich ann an Alba. Chan eil m貌ran dheth air fh脿gail an sin 鈥 d矛reach d矛g a tha a鈥 ruith tro ph脿irc aig oir a鈥 bhaile. Ach tha sin fh猫in inntinneach.
Tha Balla Antonine a-nise cl脿raichte air Cl脿r Dualchas na Cruinne aig UNESCO. Tha e am measg 脿iteachan a chaidh a chl脿radh leis gu bheil iad a鈥 riochdachadh cr矛ochan an fhearainn a bha fo smachd 脤ompaireachd na R貌imhe. Agus, a鈥 dol eadar taobh an iar agus taobh an ear na h-Alba, tha am balla gu math fada. Gu dearbh, tha e seasgad cilemeatair a dh鈥檉haid.
Anns a鈥 bhliadhna ceud, trithead 鈥檚 a h-ochd (138 AD), chaochail an t-脤ompaire Hadrian. Cha leig mi leas innse dhuibh gur e Hadrian a thog am balla m貌r a tha fhathast ri fhaicinn ann an ceann a tuath Shasainn. B鈥 e Balla Hadrian ceann a tuath na h-脤ompaireachd.
Bha Hadrian ag iarraidh gum biodh Marcus Aurelius a鈥 leantainn air mar 脤ompaire. Ach bha Marcus ro 貌g. Fhuair Antoninus Pius an dreuchd 鈥 anns an eadar-ama, mar a bha Hadrian ga fhaicinn.
Bha Antoninus leth-cheud 鈥檚 a h-aon bliadhna a dh鈥檃ois nuair a chaochail Hadrian. Bha sin rudeigin sean aig an 脿m ud. Bha Hadrian dhen bheachd nach biodh Antoninus be貌 ro fhada. Agus fhad 鈥檚 a bha e be貌, nach rachadh e an aghaidh nan co-dh霉naidhean m貌ra a rinn Hadrian fh猫in. Cha robh Antoninus air a bhith na shaighdear. Bha Hadrian dhen bheachd gun robh am balla a thog e s脿bhailte mar chr矛och a-tuath na h-脤ompaireachd ann am Breatainn.
Uill, bha e fada ce脿rr! Chan e a-mh脿in gun do thog Antoninus balla 霉r gu tuath air balla Hadrian, ach bha e air cathair an 脤ompaire fad tr矛 bliadhna fichead 鈥 na b鈥 fhaide na gach 脤ompaire roimhe, ach a鈥 chiad fhear, Augustus. Cha robh Balla Antonine air a chleachdadh ach airson mu fhichead bliadhna, ach dh鈥檉h脿g e d矛leab luachmhor.
Cha robh e buileach mar a bha Balla Hadrian. Anns a鈥 chuid mh貌ir, bha e air a thogail de sgrathan, seach clachan. Bha d矛g mh貌r air an taobh a tuath dheth, agus rathad m貌r air an taobh a deas dheth. Ach, mar a bha le Balla Hadrian, bha daingnich co-cheangailte ris. Bha mi a鈥 smaoineachadh gum biodh e inntinneach sgr矛ob bheag a ghabhail bho cheann gu ceann a鈥 bhalla, a鈥 toirt s霉il air na daingnich.
T貌isicheamaid aig a鈥 cheann an iar, ma-th脿 鈥 aig D霉n Chill Ph脿draig no Old Kilpatrick Fort. Tha sin faisg air ceann a tuath Drochaid Arasgain thar Abhainn
Chluaidh. Tha l脿rach an d霉in a鈥 c貌mhdachadh c貌rr is ceithir acaire. Tha e coltach gun robh d霉n air choreigin aig na R貌manaich an sin fada mus robh am balla air a thogail. 鈥橲 d貌cha gun do chleachd na R貌manaich an daingneach sin mar 脿ite 脿s an cuireadh iad cabhlach gu ruige taobh siar na h-Alba.
Gu sear air Cill Ph脿draig tha D霉n T貌chair. Tha D霉n T貌chair, a r猫ir choltais, a鈥 riochdachadh ainm nas sine 鈥 Druim T貌chair 鈥 the ridge of the causeway. Chan eil m貌ran air fh脿gail dhen daingneach R貌manach sin.
An do mhothaich sibh rudeigin? Tha ainmean Beurla nan d霉n thuige seo air a thighinn bhon Gh脿idhlig. Saoil an lean sin? 鈥橲 e an t-ath 脿ite air a鈥 bhalla d霉n beag air a bheil Cleddans 鈥 Cleddans Fortlet. Chan eil sin a鈥 coimhead G脿idhlig, a bheil? Uill, ch矛 sinn 鈥 an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 2 Jan 2009 11:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.