31/01/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 500
Duration: 04:49
Litir 500: Fearchar B脿n
F脿ilte oirbh a ch脿irdean. Ruairidh MacIlleathain an seo le Litir eile. Mus lean mi leis an st貌iridh a th貌isich mi an t-seachdain sa chaidh, bu mhath leam taing mh貌r a thoirt don a h-uile duine a th鈥 air sgr矛obhadh thugam no a th鈥 air bruidhinn rium, is taic a thoirt dhomh, thairis air na bliadhnaichean, a thaobh Litir do Luchd-ionnsachaidh. Th貌isich an Litir o chionn faisg air deich bliadhna agus tha i air n脿dar de chlach-mh矛le a ruigsinn an-diugh oir 鈥檚 e seo an c貌ig ceudamh t猫. Tha e f矛or laghach a bhith a鈥 cluinntinn bho dhaoine air feadh Alba, agus air feadh an t-saoghail, a tha ag 猫isteachd ris na Litrichean. Tha e gu s貌nraichte laghach nuair a chluinneas mi bho dhaoine nach robh fileanta nuair a th貌isich iad air 猫isteachd riutha, agus a tha a-nise a鈥 sgr矛obhadh is a鈥 labhairt na G脿idhlig gu si霉bhlach. Mo bheannachd oirbh.
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun ch霉-chaorach Fraoch agus a mhaighstir, Fearchar B脿n. Bha Iain Ruadh agus a bhean a-muigh ann am Glac nam Bodach air an oidhche nuair a dh鈥檉hairich iad fuaim eagallach. Ruith iad don taigh a b鈥 fhaisge 鈥 taigh Fhearchair Bh脿in. Bha Fearchar a-staigh, ach cha robh Fraoch.
Bha Fearchar ag 猫isteachd ri bean Iain, agus i ag aithris mun fhuaim a dh鈥檉hairich iad, nuair a rinn c霉 sgi霉gan aig an doras. Dh鈥檉hosgail e an doras agus c貌 bh鈥 ann ach Fraoch.
Ruith an c霉 mar an dealanaich seachad air Fearchar. Chaidh e don 脿ite aige fon leabaidh far an d鈥 rachadh e nuair a gheibheadh e trod. Bha e follaiseach gun robh rudeigin ce脿rr air. Dh鈥檌arr Fearchar air thighinn a-mach agus mu dheireadh thall, th脿inig e. Bhiodh earball air a bhith eadar a chasan deiridh nam biodh gu le貌r dheth ann. Bha m貌ran de dh鈥檈arball Fhraoich a dh矛th.
鈥淏ha e ann an l脿mhan an Fhir as Miosa,鈥 thuirt am boireannach.
鈥淣am biodh a鈥 bhr霉id bhochd air a bhith na l脿mhan-san, bhiodh f脿ileadh d脿thte dheth,鈥 fhreagair Fearchar. Thug e s霉il air a鈥 ch霉. Cha robh f脿ileadh no coltas de dh脿thadh no losgadh air. Bha an gnothach annasach.
Air an l脿rna-mh脿ireach, dh鈥檉halbh Iain is a bhean dhachaigh. Bha Fraoch a-muigh ach bha clobhd dearg air a cheangal ri earball 鈥 no na bh鈥 air fh脿gail de earball. 脌s d猫idh dha t貌rr ceasnachaidh a dh猫anamh, fhuair Fearchar a-mach d猫 d矛reach a thachair.
Bha Fraoch a-muigh an oidhche a bha sin. Bha c矛obairean agus an coin ann c貌mhla agus nochd Fraoch nam measg. Th貌isich Fraoch air sabaid le c霉 eile. Dh鈥櫭╥rich sabaid mh貌r eadar na coin gu l猫ir. Bha fear de na c矛obairean gu math m矛-thoilichte le Fraoch. Mar pheanas, cheangail e coire ri earball Fhraoich. Bhreab e an c霉 agus dh鈥檌arr e air falbh dhachaigh.
Bha Fraoch air an rathad dhachaigh, a鈥 ruith tro fhraoch garbh anns an dorchadas, nuair a dh鈥檉hairich Iain 鈥檚 a bhean e. Bha e a鈥 d猫anamh fuaim leis a鈥 choire ceangailte ri earball. Fuaim a bha eagallach. Mu dheireadh, fhuair e an coire an s脿s eadar d脿 chloich. Cha b鈥 urrainn dha ghluasad. Rinn e sp脿irn mh貌r. Th脿inig p矛os de earball dheth, a鈥 f脿gail a鈥 choire fhathast ceangailte ris. Agus 鈥檚 ann le leth-earbaill a nochd e aig taigh a鈥 mhaighstir.
Uill, a bheil fios agaibh air seo. Chun an latha mu dheireadh de a bheatha, bha Fearchar feargach mu dheidhinn mar a thachair don ch霉 aige. Agus am fear a cheangail an coire ri earball Fhraoich...? Dh鈥檉halbh e agus cha do thill e don ghleann a-chaoidh tuilleadh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Sat 31 Jan 2009 10:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.