Tasglann
Còmhla ris An t-Ath Urr Ruairidh MacAmhlaigh, Sagart Paraiste Ceann a Deas Uibhist agus Eirisgeidh. Service with Fr Roddy MacAulay, Parish Priest of south Uist and Eriskay.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:
Amy NicAmhlaigh a’ seinn Seinneamh don Tighearna
Pauline NicDhòmhnaill a’ seinn Salm 23
Còisir Eaglais Naomh Pheadar a’ seinn Subhachas nam Chridh’
Leughaidhean:
Isaiah 50: 4-7
Pà is an Tighearna Ìosa Crìosda a rèir Naomh Lùc
Rugadh Mgr Ruairidh MacAmhlaigh ann an Dùn Bhlà thain ann an 1963. Rinn an teaghlach aige imrich gu Durban ann an Afraga a Deas ann an 1970 agus dh'fhuirich e an sin airson dusan bliadhna. Thill e a dh'Alba gus dreuchd sagairt a thoirt a-mach. B' ann an Colaiste Naomh Anndrais agus Colaiste Gillis ann an Dùn Èideann a rinn e an trèanadh aige agus thà inig e mach na shagart anns a' Ghiblein 1988. Tha e air a bhith na shagart paraiste ann am Beinn na Fadhla, an t-Òban, Ceann Loch Chille Chiarain, Ceann a Deas Uibhist is Èirisgeidh agus anns a' Chaol sa Ghearasdan. Nuair a bha e stèidhichte ann an Uibhist bha ùidh mhòr aige anns na cearcan aige agus bhiodh e toirt na h-uighean chun na lapaich anns a' pharaiste nuair a bhiodh e tadhail orra uair sa mhìos. Tha ùidh mhòr aig Mgr Ruairidh ann am pìobaireachd agus cluichidh e fhèin a' phìob. Tha e math cuideachd air peantadh, a' peantadh dhealbh nuair a bhios ùine aige.
Last on
Mgr Ruairidh MacAmhlaigh
Broadcasts
- Sun 28 Mar 2010 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Mar 2010 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Apr 2019 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal