Main content
Sorry, this episode is not currently available

Maxie agus Rod C MacNèill

2/ 2. Maxie agus Rod C MacNèill a' seinn òrain à Siorramachd Inbhir Nis. Le Seumas Watson. Maxie and Rod C MacNeill sing songs from Inverness County, Cape Breton. With Jim Watson.

'S iad Calum 'Maxie' MacNèill, mac Don Angus Iain Eòghainn Aonghais Eòghainn à Highland Hill agus Ruairidh MacNèill, mac John Dan mac Sheumais Dho'll Òig Mac Iain 'ic Ruaraidh à Gleann Bharra tha còmhla ri Seumas Watson ann an Sanndraigh an Eilean Cheap Breatainn sa phrògram seo a chaidh a chlàradh as t-samhradh 2010.

'S iad na h-òrain:-

Mo Chridhe Trom ‘s Cha Neònach – cumha a rinn Niall Mòr à Highland Hill do Dhòmhnall MacFhionghain a bha sna 20an 's a fhuair bàs aig Normandy greiseag às dèidh 6mh Ògmhios 1944.

Rannan à Dh’fhalbh Sinn Leis a’ Chriutha Bha Boidheach Luireach a rinn Niall Mòr cuideachd.

Ailean Duinn a Nì ‘s a Nàire òran a thog Ruaraidh bho Anna Mhòr Nic Neìll a bha fuireach sa Chùl an Ceap Breatainn

E Ho Ro Mo Nighean Donn – òran a rinn Sandy Mòr MacNèill à MacNeils Vale mu mar a bha an taigh aige na thaigh-ceilidh

A Mhàiri Dhubh A-Hu Ho-Ro – òran eile a rinn Sandy Mòr MacNèill

Òran a rinn Liosaidh Ann Nèill Sheonaidh à Gleann Bharraigh - Mo Nighean Donn As Bòidhche

agus Saoil Am Pòs, am Pòs – a rinn Eoghainn ‘illeasbuig Sheumais.

30 minutes

Last on

Sun 17 Feb 2019 13:00

Broadcasts

  • Thu 21 Oct 2010 13:30
  • Thu 21 Oct 2010 22:00
  • Sun 24 Oct 2010 13:30
  • Mon 11 Feb 2019 12:00
  • Mon 11 Feb 2019 22:00
  • Sun 17 Feb 2019 13:00