09/03/2012
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Litir 660: Am Brisgean - P脿irt 2
Bha mi ag innse dhuibh mun bhrisgean, no silverweed, lus a tha pailt ann an 脿iteachan far a bheil gainmheach, leithid air machraichean nan eilean. Cha do lorg mi m貌ran ainmean-脿ite anns a bheil 鈥渂risgean鈥. Tha rubha ann an R貌naigh Beag faisg air Griomasaigh air a bheil Rubha nam Brisgean. Ach鈥檚 d貌cha gu bheil an lus ro phailt airson a bhith air ainmeachadh gu m貌r.
听听听听听听听听听听听 Dh鈥檉heuch mi am brisgean turas agus cha do shaoil mi cus dhen bhlas. Bha e rud beag coltach ris a鈥 churran-gheal, gun a bhith cho mhath ris. Tha na freumhan beag. Agus tha iad uaireann doirbh a bhuain, oir bidh iad a鈥 dol am measg freumhan lusan eile. Tha cunntas ann de dhaoine ann an Tiriodh is Colla, agus sna h-Eileanan A-muigh 鈥 a bhith a鈥 cur a leithid gu feum aig 脿m gorta, no as t-Earrach nuair a bha biadh gann. Ach cha bhiodh iad a鈥 cleachdadh a鈥 bhrisgein aig amannan eile, am bitheadh?
听听听听听听听听听听听 Uill, bha mi a鈥 leughadh mu na treubhan d霉thchasach ann am Ameireagaidh a Tuath, air an taobh an iar, eadar Washington is Alasga. Bhiodh iad a鈥 f脿s lus a tha dl霉th-ch脿irdeach don bhrisgean againne. Bhiodh iad a鈥 cumail luibhean eile a-mach 脿s an 脿ite, agus bhiodh freumhan a鈥 bhrisgein a鈥 f脿s an 矛re mhath m貌r. Bhiodh iad a鈥 buain a鈥 bhrisgein as t-fhoghar agus ga st貌radh thairis air a鈥 gheamhradh. A r猫ir choltais, 鈥檚 ann as t-fhoghar as fhe脿rr a tha am blas.
听听听听听听听听听听听 Saoil an robh an aon rud f矛or ann an Alba? Am biodh ar sinnsearan a鈥 f脿s a鈥 bhrisgein a dh鈥檃ona-ghnothach, seach a bhith d矛reach a鈥 sp矛onadh na bha a鈥 f脿s gu n脿darrach? Agus 鈥檚 e an fhreagairt 鈥 bhitheadh. Ann an Carmina Gadelica, tha Alasdair MacIlleMh矛cheil ag innse dhuinn, mus do nochd am bunt脿ta air a鈥 Gh脿idhealtachd, gum biodh daoine a鈥 f脿s a鈥 bhrisgein agus gum biodh an lus a鈥 ruigsinn meudachd mh貌r ann an suidheachadh mar sin. Seo mar a chuir e ann am Beurla e: 鈥淎s certain places are noted for the cultivation of the potato, so certain places are remembered for the cultivation of silverweed鈥.
听听听听听听听听听听听 Tha e ag ainmeachadh 脿ite ann am Paibeil ann an Uibhist a Tuath air an robh Lag nan Tanchasg. Anns an 脿ite sin, b鈥 urrainn fear a chumail fh猫in be貌 le bhith ag 脿iteachadh p矛os beag fearainn ann an cumadh ce脿rnaig, agus na taobhan cho fada ri 脿ird an duine fh猫in. Agus bha e be貌 air a鈥 bhrisgean! Uill, chan eil mi cinnteach mu dheidhinn sin. Saoilidh mi nach eil e uabhasach coltach.
听听听听听听听听听听听 Co-dhi霉, tha MacIlleMh矛cheil a鈥 dearbhadh gun robh na G脿idheil ga fh脿s, d矛reach mar a bha na t霉sanaich Ameireaganach. Bha mi a鈥 coimhead air a鈥 mhapa airson Lag nan Tanchasg, agus cha do lorg mi e. 鈥橲 d貌cha gun inns cuideigin 脿 Uibhist a Tuath dhomh a bheilear ag aithneachadh an 脿ite fhathast. Agus d猫 a鈥 chiall a th鈥 air Tanchasg? A bheil e a鈥 seasamh airson a鈥 bhrisgein fh猫in 鈥 air a bheil uaireannan, ann am Beurla, tansy?
听听听听听听听听听听听 Tha sin gam thoirt gu d脿 ainm eile airson a鈥 bhrisgein 鈥 curran-earraich, ainm a tha follaiseach gu le貌r, agus an seachdamh aran. 鈥淏risgean beannaichte an Earraich, seachdamh aran a鈥 Gh脿idheil鈥. Nam b鈥 e am brisgean an seachdamh aran, ge-t脿, d猫 na sia eile a bh鈥 ann? Bheir sinn s霉il air sin anns an ath Litir.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿thas-cainnt na Litreach
Saoilidh mi nach eil e uabhasach coltach: I don鈥檛 think it鈥檚 very likely [to be true].
听
Tha 鈥淟itir do Luchd-ionnsachaidh鈥 air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 9 Mar 2012 11:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sat 10 Mar 2012 10:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 11 Mar 2012 14:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.