Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Èildear Iain Moireach

Comhla ri Iain Moireach, nach maireann, èildear ann an Eaglais Shaor Dowanvale, Glaschu 2012. Gaelic service conducted by John Murray, elder in Dowanvale Free Church, Glasgow 2012.

Cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas anns an t-seirbheis seo:

Salm 103: 1-2 air fonn Dundee agus 's e Calum MacLeòid a tha os cionn na seinn a chaidh a chlàradh ann an Taigh-choinneamh Lìonail ann an Nis.

Salm 145: 10-12 air fonn Torwood agus 's e Dòmhnall Aonghas MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.

Salm 23: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Leughadh: 1 Samuel 7: 1-13
Ceann-teagaisg: 1 Samuel 7: 7-12.

B' ann do bhaile Shuainbost ann an Nis a bhuineadh Iain Moireach. Chaidh e gu sgoil Chrois agus Lionail agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail mus do ghluais e a Ghlaschu. Bha Iain na nurs airson daoine bha a' fulang le tinneas inntinn ann an Ospadal Hawkhead sa bhaile fad deich bliadhna. Chaidh e gu obair gu math eadar-dhealaichte às dèidh sin, far an robh e an sàs ann a bhith reic àrachas 's a' toirt seachad comhairle ionmhais.
Bha Iain pòsta aig Màiri Anna à Siabost agus bha dithis mhac aca agus ceathrar oghaichean, clann-nighean air fad.
Bha Iain na èildear ann an Eaglais Shaor Dowanvale ann an Glaschu agus uair no dhà sa mhìos cuideachd bhiodh e a’ searmonachadh anns an eaglais. Bhiodh e an cois sin a’ cuideachadh le bhith cumail seirbheisean Gàidhlig ann an Eaglais na h-Alba air Sràid Ghardner às dèidh dhan mhinistear a bh’ aca a dhreuchd a leigeil dheth. Bha Iain mu dheireadh na bhall do dh' Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte ann an Glaschu. Bhàsaich Iain ann an 2019.

30 minutes

Last on

Sun 4 Feb 2024 21:00

Broadcasts

  • Sun 25 Mar 2012 09:00
  • Sun 25 Mar 2012 16:00
  • Sun 4 Feb 2024 21:00