Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Calum MacMhathain

Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1991 còmhla ris an Urr Calum MacMhathain, nach maireann. Gaelic archive service from 1991 conducted by the late Rev Calum Matheson.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 72: 12-13 air fonn London New agus 's e Calum Moireasdan a tha os cionn na seinn agus Salm 139: 1-2 air fonn Stornoway le Coinneach Mac a’ Ghobhainn os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlaradh ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Inbhir Nis .

Leughadh: Eòin 15: 1-11
Ceann-teagaisg: Eòin 15: 1-2

Rugadh Calum MacMhathain ann an 1948 agus cha robh anns an teaghlach ach e fhèin. Chaidh a thogail ann an Steòrnabhagh agus bha e am measg buidheann bhalach anns a' bhaile air an robh na Torquil Terrace Boys.

Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil Steòrnabhaigh agus ann an Àrd-Sgoil MhicNeacail agus dh'fhàg e an sgoil aig sia bliadhna deug a dh'aois. Chaidh e an uairsin a Lunnainn far an d' fhuair e obair san t-Seirbheis Chatharra.

Bha guth sònraichte làidir aig Calum agus bha sin gu math follaiseach bho làithean òige. Nuair a bha e anns a' bhun-sgoil, bhuannaich e am bonn òr aig a' mhòd ionadail airson seinn. Bha ùidh mhòr aige anns a' Ghàidhlig agus ann a bhith ga dìon.

Thòisich Calum air beatha Chrìosdail a leantainn nuair a bha e ann an Lunnainn agus, le càirdeas is coibhneas bho Ghàidheil Lunnainn, thàinig e gu bhith na bhall dhan choitheanal anns an Eaglais Shaor an sin. Bha ùidh mhòr aige anns na h-òraidean aig an Dr Màrtainn Lloyd Jones agus bha e na bhall dhan chòisir nuair a bha Billy Graham a' searmonachadh anns a' bhaile. Thoisich Calum a' searmonachadh an toiseach nuair a bha e ann an Lunnainn.

Aig fìor dheireadh na trì ficheadan, ghluais e a Ghlaschu far an robh e na bhall de choitheanal Eaglais Shaor Bhaile Ghobhainn agus 's ann nuair a bha e an sin a fhuair e stiùireadh airson a dhol a-staigh airson na ministrealachd. Nuair a dh'fhàg Calum an sgoil cha robh e air deuchainnean a shuidhe aig àrd-ìre agus le sin b’ fheudar dha a dhol gu clasaichean oidhche. Rinn e adhartas air leth le foghlam aig àrd-ìre agus fhuair e teisteanas san oilthigh ann an litreachas agus eachdraidh na h-Alba. A bharrachd air an sin bha e a' dol gu clasaichean prìobhaideach airson a Ghàidhlig a leasachadh.

Chaidh Calum gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann bho 1977 gu 1980 agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist far an robh e na mhinistear airson aon bliadhna deug. Chaidh a ghairm gu Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhir Nis ann an 1991 far an do bhrosnaich e an coitheanal ann an iomadach dòigh.

Bhàsaich e ann an 1992 às dèidh trioblaidean lannsa.

Bidh cuimhne aig mòran air an Urramach MacMhathain mar shearmonaiche air leth: duine mòr air a robh meas mòr aig daoine. Bhiodh e tric ri chluinntinn ag ràdh "Tha an Tighearna math, oh tha an Tighearna math".

30 minutes

Last on

Sun 14 Apr 2024 21:00

An t-Urr Calum MacMhathain

An t-Urr Calum MacMhathain

Broadcast

  • Sun 14 Apr 2024 21:00