Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Oll Urr Ruairidh MacLeòid, Eaglais na h-Alba

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris an Oll Urr Ruairidh MacLeòid, Eaglais na h-Alba. Gaelic religious service conducted by Dr Roddy MacLeod, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 107: 1-2 air fonn Coleshill agus ‘s e Lachlainn MacDhughaill a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Paibeil an Uibhist a Tuath.
Salm 89: 8-9 air fonn Bangor agus ‘s e Iain MacPhilip a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Bearnaraigh.
Salm 16: 5-7 air fonn Moravia agus ‘s e an t-Urr Iain Mac a’ Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch na Madadh.

Leughaidhean: Eòin 1: 29-36
Mata 11: 1-6

Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr o 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Airson iomadach bliadhna as dèidh sin bhiodh e a' cumail sheirbheisean Gàidhlig ann am Meadhan-Earra Ghàidheal agus anns an Òban a h-uile mìos. Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair. Bha e cuideachd a sàs ann an grunn bhuidhnean Gàidhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gàidhlig aig an eaglais agus bhiodh e cuideachd a' deasachadh nan Duilleagan Gàidhlig aig Eaglais na h-Alba.

30 minutes

Last on

Sun 12 May 2024 21:00

Broadcasts

  • Sun 22 Apr 2012 09:00
  • Sun 22 Apr 2012 15:00
  • Sun 12 May 2024 21:00