An t-Urr Iain MacLeòid, Seann Eaglais na Paraiste san Òban
Seirbheis à tasglann a' BhBC bho '92 còmhla ris an Urr Iain MacLeòid (nach maireann). Gaelic religious archive service from '92 with the late Rev John MacLeod.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas. Chaidh na sailm a chlà radh ann an Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 63: 2-3 air fonn London New, os cionn na seinn tha Iain Eachainn MacLeòid
Salm 65: 2-3 air fonn St David, os cionn na seinn tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach
Salm 90: 1-2 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn tha Iain Dòmhnallach
Leughadh: Isaiah 54: 7-17
Ceann-teagaisg: Isaiah 54: 10.
Rugadh an t-Urr Iain MacLeòid air 14 Faoilleach 1918 ann an Àrnol air taobh siar Leòdhais. Chaill e athair, 's gun e ach bliadhna a dh'aois, nuair a chaidh an Iolaire às an rathad air Biastan Thuilm air madainn Latha na Bliadhn' Ùire, 1919.
Cheumnaich e an toiseach à Oilthigh Ghlaschu. Fhuair e BD ann am Montreal agus BEd ann an Alberta, an Canada agus bha Teisteanas ann am Foghlam Chuspairean Spioradail aige bho Cholaiste Chnoc Iòrdain an Glaschu. Eadar 1940 agus 1943, bha e anns a' Chabhlach Rìoghail air HMS Ganges agus HMS Eglinton agus, an dèidh dha cead searmonachaidh fhaighinn bho Chlèir Ghlaschu ann an 1945, chaidh e air ais don Chabhlach Rìoghail mar mhinistear.
Phòs e Dolena NicChoinnich à Steòrnabhagh ann an 1948, agus san aon bhliadhna chaidh e a Chanada, far na fhritheil e dà choitheanal, Southampton an Ontario agus Calgary ann an Alberta. Thà inig e a Dhùn Èideann ann an 1961 far an d' fhuair e gairm bho choitheanal Naomh Pòl ann an Newington. Ann an 1967, ghluais e gu Eaglais na Cille Mòire agus Seann Sgìre an Òbain far an robh e gus na leig e dheth uallach coitheanal ann an 1984.
Bha dithis nighean aige fhèin is Dolena, Cairistìona agus Kathreen, ach gu duilich bhà saich Cairistìona nuair a bha i gu math òg. Bha Kathreen a’ teagasg ceòl anns na sgoiltean airson iomadach bliadhna gus an do leig i dhith a dreuchd.
A bharrachd air a bhith na shearmonaiche air leth comasach, bha Iain MacLeòid cuideachd na bhà rd tà lantach agus na eadar-theangaiche sgileil. Choisinn e prìomh dhuaisean airson òrain ùra ann an Alba agus aig an Fhèis Phan-Cheilteach an Èirinn agus tha an dà òran, Nam Aonar le mo Smuaintean agus Thoir Dhomh do Là mh, rin cluinntinn tric. Rinn e an t-uabhas eadar-theangachaidean air òrain agus air dà in spioradail.
Bhà saich Mgr MacLeòid san Dùbhlachd 1995.
Last on
More episodes
Previous
Next
An t-Urr Iain MacLeòid
Broadcasts
- Sun 15 Jul 2012 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Oct 2015 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Jan 2018 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Jun 2021 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal