Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Iain MacLeòid

2/2 Seirbheis à tasglann a' BhBC bho '92 còmhla ris an Urr Iain MacLeòid (nach maireann) Eaglais na h-Alba. Gaelic religious archive service from '92 with the late John MacLeod.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann a Steòrnabhagh.

Salm 45: 10-11 air fonn Torwood agus 's e Dòmhnall Tormod Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Leughadh: Galàtianaich 3: 1-11
Ceann-teagaisg: Galàtianaich 3: 11

Rugadh an t-Urr Iain MacLeòid air 14 Faoilleach 1918 ann an Àrnol air taobh siar Leòdhais. Chaill e athair, 's gun e ach bliadhna a dh'aois, nuair a chaidh an Iolaire às an rathad air Biastan Thuilm air madainn Latha na Bliadhn' Ùire, 1919.

Cheumnaich e an toiseach à Oilthigh Ghlaschu. Fhuair e BD ann am Montreal agus BEd ann an Alberta, an Canada agus bha Teisteanas ann am Foghlam Chuspairean Spioradail aige bho Cholaiste Chnoc Iòrdain an Glaschu. Eadar 1940 agus 1943, bha e anns a' Chabhlach Rìoghail air HMS Ganges agus HMS Eglinton agus, an dèidh dha cead searmonachaidh fhaighinn bho Chlèir Ghlaschu ann an 1945, chaidh e air ais don Chabhlach Rìoghail mar mhinistear.

Phòs e Dolena NicChoinnich à Steòrnabhagh ann an 1948, agus san aon bhliadhna chaidh e a Chanada, far na fhritheil e dà choitheanal, Southampton an Ontario agus Calgary ann an Alberta. Thàinig e a Dhùn Èideann ann an 1961 far an d' fhuair e gairm bho choitheanal Naomh Pòl ann an Newington. Ann an 1967, ghluais e gu Eaglais na Cille Mòire agus Seann Sgìre an Òbain far an robh e gus na leig e dheth uallach coitheanal ann an 1984.

Bha dithis nighean aige fhèin is Dolena, Cairistìona agus Kathreen, ach gu duilich bhàsaich Cairistìona nuair a bha i gu math òg. Bha Kathreen a’ teagasg ceòl anns na sgoiltean airson iomadach bliadhna gus an do leig i dhith a dreuchd.

A bharrachd air a bhith na shearmonaiche air leth comasach, bha Iain MacLeòid cuideachd na bhàrd tàlantach agus na eadar-theangaiche sgileil. Choisinn e prìomh dhuaisean airson òrain ùra ann an Alba agus aig an Fhèis Phan-Cheilteach an Èirinn agus tha an dà òran, Nam Aonar le mo Smuaintean agus Thoir Dhomh do Làmh, rin cluinntinn tric. Rinn e an t-uabhas eadar-theangachaidean air òrain agus air dàin spioradail.

Bhàsaich Mgr MacLeòid san Dùbhlachd 1995.

30 minutes

Last on

Sun 27 Jun 2021 21:00

An t-Urr Iain MacLeòid

An t-Urr Iain MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 22 Jul 2012 21:00
  • Sun 21 Jan 2018 21:00
  • Sun 27 Jun 2021 21:00