An t-Urr Dòmhnall MacAoidh
Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1992 còmhla ris an Urr Dòmhnall MacAoidh, Eaglais na h-Alba Bearnaraigh. Gaelic religious archive service from 1992 with Rev Donald MacKay.
Ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sibh a' chiad seirbheis còmhla ris an Urr Dòmhnall MacAoidh a bha na mhinistear aig Eaglais na h-Alba ann am Beà rnaraigh nuair a chaidh an t-seirbheis a chlà radh ann an 1992.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 68: 18-19 air fonn London New, os cionn na seinn bha Coinneach MacIllEathain
Salm 16: 10-11 air fonn Martyrdom, os cionn na seinn bha Ruairidh Seathach
Chaidh an t-seinn a thogail ann an Eaglais na h-Alba ann am Beà rnaraigh.
Leughadh: Ròmanaich 8: 31-39
Ceann-teagaisg: Ròmanaich 8: 34
Rugadh Dòmhnall Aonghas MacAoidh ( Dòmhnall Angaidh Mairead ) ann an Garrabost san Rubha ann a Leòdhas anns a' bhliadhna 1939. Fhuair e oideachadh ann am Bun-sgoil Phaibeil agus Àrd-sgoil MhicNeacail. Nuair a dh’fhà g e an sgoil chaidh e a dh’obair airson greiseag gu bùth 'Willie Òg' faisg air Steòrnabhagh agus an uair sin chaidh e gu Oilthigh Obair Dheathain far an do rinn e trèanadh airson na ministrealachd.
Chaidh Mgr MacAoidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1973 ann an Eaglais na h-Alba ann a Sgarasta sna Hearadh agus chuir e seachad sia bliadhna an sin mas deach e a-null dhan Eilean Sgitheanach. Ann an 1979 chaidh e os cionn Coitheanal Chille Mhoire agus Steinseall airson dà bhliadhna. Anns a' bhliadhna sin cuideachd phòs e Cathy Bochanan à sgìre Bhrèinis ann an Ùige Leòdhais agus bha aon nighean aca air an tug iad Mairead.
Ann an 1981 ghluais an teaghlach gu sgìre Phort nan Long far an robh Dòmhnall os cionn coitheanal Bhrà cadail gu 1990.
Ghluais an teaghlach às an Eilean Sgiathanach gu Eilean Bheà rnaraigh ann an 1990 agus bha Mgr MacAoidh a’ frithealadh coitheanal Eilean Bheà rnaraigh airson trì bliadhna gus an do bhris a shlà inte agus a b’fheudar dha a dhreuchd a leigeil seachad.
Bha ùidh mhòr aig Mgr MacAoidh ann a bhith a’ seinn agus bhiodh e cumail sgoil sheinn anns a h-uile coitheanal san robh e stèidhichte agus ùidh shònraichte aige anns na fuinn.
Bhiodh Mgr MacAoidh a’ sgrìobhadh pìosan airson na h-iris mhìosail 'Life and Work' agus bha ùidh mhòr aige anns a’ Ghà idhlig agus bhiodh e ag èisteachd ris a h-uile prògram Gà idhlig a bha ri chluinntinn air an rèidio.
Chuir Mgr MacAoidh seachad na bliadhnaichean mu dheireadh dha bheatha ann an Inbhir Nis far an do chaochail e anns a' Chèitein 1999.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Sun 23 Sep 2012 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Jan 2021 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal