Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tasglann: Seirbheis a’ Mhòid, Dùn Omhain 1994

Seirbheis a’ Mhòid bho Eaglais Naomh Eòin, Dùn Omhain 1994 còmhla ris an Urr Dòmhnall Stiùbhart.
Archive service from the National Mod in Dunoon 1994 with Rev Donald Stewart.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air ais ann an Dùn Omhain agus ‘s ann dhan bhaile sin a tha sinn a' dol air an t-seachdain seo airson Dèanamaid Adhradh à tasglann a’ BhBC gu seirbheis a’ Mhòid bho 1994.

Chaidh an t-seirbheis a chumail ann an Eaglais Naomh Eòin sa bhaile agus b’ e an t-Urr Dòmhnall Stiùbhart nach maireann a bha os cionn na seirbheis.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm a leanas:

Salm 65: 105 air fonn Kilmarnock
Salm 43: 3-5 air fonn St Stephen
Salm 72: 17-19 air fonn Effingham

Leughaidhean:
Samuel 23: 13-17
Matthew 26: 6-13

Bha an t-Urr Dòmhnall Stiùbhart nach maireann na mhinistear ann am Fenwick. Bhuineadh e do sgìre Dhùn Tuile às an Eilean Sgiathanach bho thùs. Leig e dheth dreuchd coitheanail ann an 1984 agus chaidh e a dh’fhuireach ann an Tollard (Toward) faisg air Dùn Omhain. Rinn e mòran às leth na Gàidhlig agus tha duais mar chuimhneachan air Mgr Stiùbhart ga thoirt seachad aig a' Mhòd gach bliadhna, Rev. Donald Stewart (Duntulm) Memorial Quaich, airson a bhith ag aithris bàrdachd.

30 minutes

Last on

Sun 14 Oct 2018 09:00

Broadcasts

  • Sun 14 Oct 2012 21:00
  • Sun 14 Oct 2018 09:00