An Dr Urr Aonghas Moireasdan, Eaglais na h-Alba
Seirbheis c貌mhla ris an Dr Urr Aonghas Moireasdan, Eaglais Sg矛re Orwell & Portmoak. Gaelic service conducted by the Rev Dr Angus Morrison, Parish of Orwell and Portmoak.
Anns an t-seirbheis air an t-seachdain seo tha an t-Urramach Aonghas Moireasdan a' toirt fainear dhuinn gu bheil sinn a' dl霉thachadh air an 脿m den bhliadhna far am bi sinn a' cuimhneachadh agus a' toirt taing do Dhia airson breith ar sl脿naighear. Cluinnear taghadh de shailm, laoidhean agus leughaidhean co-cheangailte ris an 脿m seo den bhliadhna.
Cluinnidh sinn na sailm a leanas:
Salm 96: 7-8 air fonn Kilmarnock le Coinneach Urchardan os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ghe脿rrloch
Salm 72: 18-19 air fonn Stornoway le Iain Murchadh M脿rtainn os coinn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac
Cluinnidh sinn na laoidhean Nollaig:
脠ist san Iarmailt 脪ran Binn air a sheinn le Coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu
Ann am Baile R矛oghail Dh脿ibhidh air a sheinn le Anna Nic na Ce脿rdaich
Bha Buachaillean an D霉thaich Shear air a sheinn le Julie Fowlis
Agus cluinnear na leughaidhean seo anns an t-seirbheis:
Isaiah 9: 1-7
Luc 1: 26-33
Luc 2: 1-7
Rugadh agus thogadh an t-Oll Urr Aonghas Moireasdan ann an Gleann Comhann ann an 1953 ged a chuir e seachad a' chuid as motha de l脿ithean 貌ige anns an 脪ban. B' ann do bhaile Lingreabhagh anns na Hearadh a bhuineadh athair agus a mh脿thair agus tha deagh chuimhne aige fh猫in iomadach samhradh a chur seachad ann an Ceann a Deas na Hearadh agus a bhith a' faighinn blasad air d貌igh-beatha na h-Eileanan an Iar.
Chaidh Mgr. Moireasdan gu 脌rd-Sgoil an 脪bain agus 脿s a sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d' fhuair e teisteanas MA ann an Laideann agus Greugais. Fhuair e teisteanas BD tro Oilthigh Lunnainn agus PhD bho Oilthigh Dh霉n 脠ideann.
Tha Mgr. Moireasdan air a bhith ann an ceithir paraistean bhon a ghabh e dreuchd ministear ann an 1979: an t-脪ban, D霉n 脠ideann, Ste貌rnabhagh agus, an-dr脿sta fh猫in, an Eaglais Sg矛re Orwell & Portmoak. Bha Mgr Moireasdan cuideachd na Mhodar脿tair aig Eaglais na h-Alba ann an 2015.
Tha e p貌sta aig Marion agus tha ceathrar de theaghlach aca, tri霉ir ghillean agus aon nighean.
Bha 霉idh a-riamh aige ann a bhith a' leughadh agus a' ceannach leabhraichean agus 's iomadh turas a bhiodh a mh脿thair a' trod ris na 貌ige gun robh e air an t-airgead a thug i dha airson l猫intean a cheannach a chosg air leabhar eile. 'S e cluas bhodhar a fhuair i agus e fhathast trom air a bhith a' ceannach leabhraichean. Tha 霉idh mh貌r aige cuideachd ann a bhith a' coimhead ball-coise agus ag 猫isteachd ri ce貌l clasaigeach.
Last on
An Dr Urr Aonghas Moireasdan
Broadcasts
- Sun 16 Dec 2012 09:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 16 Dec 2012 15:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 16 Dec 2018 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal