An t-Urr M脿iri Byers
Seirbheis bho 1997 c貌mhla ris an Urr M脿iri Byers, ministear Eaglais na h-Alba ann an Di霉ra aig an 脿m. Gaelic archive service with Rev Mairi Byers, Jura Church of Scotland in 1997.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean seo:
Salm 103 air fonn Coleshill agus air a sheinn le Coitheanal Eaglais Paraiste Thiriodh
Salm 121 air fonn French agus air a sheinn le Coitheanal Eaglais Naomh Cheasaig ann an Calasraid
Salm 23 air fonn Crimond agus Laoidh Chaluim Chille air an seinn le C貌isir Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu
Leughaidhean:
Salm 23 & E貌in 10: 1-6 & 22-30
Ceann-teagaisg: E貌in 10: 27-28
"Th脿inig i dhan t-saoghal seo na nighean ministeir,
Thuit i ann an gaol 'sbha i nise na bean ministeir,
'S cha do stad i gun robh i fh猫in na ministear"
Rugadh M脿iri Byers neo M脿iri Laing ann an 1932. B' i an treas neach ann an teaghlach de sheachdnar aig an Urr Calum Laing 's a bhean M脿iri, neo Calum Raghnaill 脿 Cn貌c an Torrain agus M脿iri NicRuairidh 脿 Staidhligearraidh. Bha athair M脿iri, an t-Urr Calum Laing, na mhinistear air coitheanal Eaglais na h-Alba ann a Hobha M貌r an Uibhist a Deas agus 's e tidsear a bh' ann a M脿iri.
Chuir M脿iri 貌g seachad bliadhnaichean a h-貌ige ann an Uibhist a Deas, a' frithealadh Sgoil Hobha M貌r agus 脌rd-sgoil Cheann a' Bh脿igh. Bha i toilichte agus riaraichte le beatha mar eileanach, a' f脿s suas ann an Uibhist a Deas . Bha i ceithir bliadhna deug mus do chuir i cas air t矛r-m貌r na d霉thcha. Chaidh i a dh'脌rd-sgoil Phort R矛gh airson bliadhna agus an d猫idh sin ghluais an teaghlach a dh' Alanais. Bha M脿iri a-nis a' frithealadh 脌rd-sgoil Inbhir Pheofharain agus, ged a bha i ag ionndrainn Uibhist, bha beatha air t矛r-m貌r a' c貌rdadh rithe cuideachd.
Bha M脿iri riamh ag iarraidh a bhith na banaltram agus airson a dhol a-null thairis na miseanaraidh. Bhiodh i riamh a' leughadh leabhraichean mu bhanaltraman - bha 霉idh aice ann am Florence Nightingale agus bhiodh i cuideachd a' leughadh leabhraichean air an sgr矛obhadh le miseanaraidhean. Nuair a dh'fh脿g i an sgoil chaidh i a dh'Inbhir Nis a thr猫anadh airson a bhith na banaltram agus 脿s an sin chaidh i a Dh霉n 脠ideann. B' ann an D霉n 脠ideann a choinnich i ris an duine aice (an t-Urr Ailean Byers) agus bha esan a' tr猫anadh airson a bhith na mhinistear aig an 脿m agus miann aigesan cuideachd a dhol a-null a theagaisg an t-soisgeil gu t矛rean c猫in.
Chaidh M脿iri san duine aice Ailean ( an t-Urr ) a-null a Ghana far an robh iad airson iomadach bliadhna a' cuideachadh choimhearsnachdan an sin. Bha ceathrar a theaghlach aca agus bha M脿iri fh猫in a' teagasg a cuid chloinne oir cha robh sgoiltean no goireasan foghlaim ro mhath sa sg矛re. Thill iad air ais a dh'Alba ann an 1971 agus chaidh iad gu paraiste faisg air Obar Dheathain. Bhiodh M脿iri a' toirt seachad t貌rr cuideachaidh taobh a-staigh na paraiste, a' teagasg 's a' cuideachadh ann an iomadh d貌igh. Le sin, c貌mhla ris na sgilean a dh'ionnsaich i a' teagasg a cuid chloinne fh猫in, chaidh i a dh猫anamh c霉rsa-teagaisg - ach cha robh na c霉rsaichean 's an tr猫anadh a' stad aig an sin. Tro na bliadhnaichean rinn i c霉rsaichean eile co-cheangailte ris an eaglais gus mu dheireadh rinn i c霉rsa-tr猫anaidh airson a bhith na ministear.
B' e Di霉ra a' chiad choitheanal a bh' aice ann an 1991 gu 1998 agus chan e a-mh脿in gu robh e annasach a bhith faicinn boireannach a' searmonachadh, bha boireannach a' searmonachadh sa Gh脿idhlig na annas buileach. Anns na bliadhnaichean sin bhiodh seirbheisean G脿idhlig aice ann an Di霉ra agus an 脤le. Leig i dhith a dreuchd ann an 1998 oir cha robh an duine aice a' cumail ro mhath. Ghluais i fh猫in 's an duine aice gu Annan far an robh M脿iri air a cumail trang a' cuideachadh paraistean eile agus cuideachd a' frithealadh nan oghaichean aice.
Bh脿saich an t-Urramach M脿iri Byers aig aois ceithir fichead sa c貌ign ann an 2018.
Last on
An t-Urr M脿iri Byers
Broadcasts
- Sun 2 Jun 2013 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 1 Nov 2020 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 11 Jun 2023 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal