An t-Urr Calum MacIlleathain
2/2. Seirbheis 脿 Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath (1990) c貌mhla ris an Urr Calum MacIlleathain. Gaelic archive service from North Tolsta Free Church 1990 with Rev Calum MacLean.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 45: 15-16 air fonn Bedford agus os cionn na seinn tha Iain D貌mhnallach.
Salm 147: 3-4 air fonn Coleshill agus os cionn na seinn tha Iain Murchadh MacAoidh.
Chaidh an t-seinn a chl脿radh ann an Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath.
Leughadh: Litir an abstoil P貌l a-chum nan Eabhraidheach 11: 1-16
Ceann-teagaisg: Litir an abstoil P貌l a-chum nan Eabhraidheach 11: 16
Tha leth-cheud bliadhna bhon a chl脿r an t-Urr Calum MacIlleathain 脿 Siabost a' chiad seirbheis Gh脿idhlig aige airson radio.
Rugadh Mgr MacIlleathain ann an 1931 ann am baile Shiaboist. Fhuair e fhoghlam san sgoil ionadail gus an robh e ceithir bliadhna deug a dh'aois agus an uair sin chuir e seachad d脿 bhliadhna a' d猫anamh a Sheirbheis N脿iseanta ann am Feachd an Adhair. Chaidh iompachadh sa bhliadhna 1952 's thog e fianais air taobh Chr矛osd ann an 1953. D脿 bhliadhna 脿s d猫idh sin dh' fhairich e gu robh Dia ga ghairm dhan mhinistrealachd 's thill e dhan foghlam a' d猫anamh c霉rsa an toiseach ann an Colaiste Sgeiridh an D霉n 脠ideann eadar 1957 agus 1959. Chaidh e 脿s an sin a dh' Oilthigh Obar Dheathain mus deach e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an D霉n 脠ideann ann an 1961. Chaidh a ph貌sadh ri coitheanal Loch Carrain ann an 1965 agus ann an 1973 ghabh e ri gairm bho choitheanal Tholastaidh bho Thuath, an eilean 脿raich, far an robh e gus na leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Tha Mgr Mac Ill Eathain p貌sta 's tha tri霉ir nighean aige.
Bhon a leig e dheth a dhreuchd tha Mgr MacIlleathain air ais a' fuireach ann am baile 脿raich ann an Siabost. Tha 霉idh mh貌r aige ann a bhith siubhail, agus bidh e fh猫in sa bhean a falbh gu math tric - eadar a bhith tadhail air a' chlann-nighean aca san d霉thaich seo, gu bhith gabhail l脿ithean-saora thall thairis. Nuair a bhios e aig an taigh bidh e trang anns a' gh脿rradh a' f脿s lusan agus tha e gu math moiteil as a chuid obrach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 30 Jun 2013 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal