![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p03719y1.jpg)
10/10/2013
A bheil d矛th chadail a' toirt buaidh oirnn agus am biodh uair a bharrachd gu feum? How does the lack of sleep affect us and would an extra hour make a difference?
Tha Oilthigh Surrey air a bhith a' rannsachadh mar a tha daoine a' cadal agus am measg iomadh ceist eile bha'd airson faighinn a-mach a bheil e f矛or gun e ochd uairean a th矛de cadail an 霉ine cheart. Cluinnidh sinn bho thri霉ir a bhios aig 脿manan a' d猫anamh as aonais norrag - Aileen Elder, An Dotair Sarah Marr agus D貌mhnall Macle貌id.
Tha baile Ph脿islig air a bhith a' deasachadh airson a' Mh貌id airson gr霉nn bhliadhnaichean agus am measg na rudan a bhios aca tha taisbeanadh mun bhaile. Tha Cairist矛ona Nic an t-Saoir gu bhith na sti霉iraiche air an taisbeanadh seachdain a' Mh貌id agus innsidh i dhuinn na tha ri fhaicinn ann.
Tha an iris Physics World air na c貌ig nuadh-矛nnleachdan a rinn an diofar as motha dha ar saoghal anns na c貌ig bliadhna fichead bho nochd a' chiad earrainn. Nam measg tha quantum-teleportation agus graphene. Dh'iarr sinne air an fhear saidheans againn fh矛n Murchadh Peutan a bheachd phearsanta a thoirt air na c貌ig rudan as motha a rinn diofar air an t-saoghal anns na c貌ig bliadhna fichead mu dheireadh.
Tha Ailig O' Henley air sgeulachd beatha Calum 'Malky' D貌mhnallach 脿 Uibhist a Deas a bha a' cluich airson sgioba Celtic anns na tricheadan a chuir ann an cl貌. Tha Ailig c貌mhla rinn airson sealladh a thoirt dhuinn air beatha Chalum anns an leabhar Rionnag Chaillte.
Tha Calum MacConail air ais leis an t-sreath air co-fheallaidhean agus an t-seachdain seo tha e a' m矛neachadh sgeulachd Abraham Lincoln. Chaidh a mhurt air Dihaoine na Ceusda anns a' bhliadhna ochd ceud deug tr矛 fichead 's a c貌ig le fear John Wilkes Booth. Bha an cogadh s矛obhalta d矛reach a' tighinn gu ceann. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 10 Oct 2013 09:03大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Thu 10 Oct 2013 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal