Main content
Sorry, this episode is not currently available

Harvest Thanksgiving Service from 1986

Seirbheis Taingealachd an Fhoghair c貌mhla ris an Urr Uilleam Caimbeul agus an Urr Iain Fearghasdan. Gaelic Harvest Thanksgiving Service with Rev W Campbell and Rev John Ferguson.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:

Salm 147: 12-16 air fonn St David agus salm 67:4-6 air fonn Torwood, os cionn na seinn bha Alasdair MacLe貌id
Salm 145:15-16 air fonn Free Church agus Salm 24:1-3 air fonn Evan, os cionn na seinn bha Alasdair Guinne
Leughaidhean :
Salm 104: 27-35 agus 2 Corintianaich 9: 6-15
Ceann-teagaisg: Salm 104:27 agus 2 Corintianaich 9: 10-12

An t-Urr Uilleam Iain Caimbeul 1933- 2007
Rugadh Uilleam Caimbeul, mac ministeir, ann an 1933. Bha athar, air an robh Uilleam cuideachd, na mhinistear ann an Eaglais Shaor a' Chnuic anns an Rudha, Le貌dhas. Chaidh e a Bhun-Sgoil Phabail agus 脌rd-Sgoil MhicNeacail agus 脿s d猫idh sin ghluais e a Ghlaschu far an do chuir e seachad 霉ine ann an Colaiste Teicne貌lais Ghlaschu. Fhuair e obair an uairsin aig companaidh 脿rachais. Ann an 1954 chaidh e dhan arm, mar a chaidh m貌ran eile, agus bha e st猫idhichte ann am Bermuda fad na h-霉ine.
Dh'atharraich beatha Uilleam Iain gu m貌r ann an 1956 nuair a chaidh iompachadh 脿s d猫idh dha a dhol a dh'猫isteachd ris na searmonan soisgeulach aig an Urr Calum Moireasdan ann an Eaglais Shaor Phartaic ann an Glaschu. Bha cothrom obrach air leth aige mar 'actuary' ach leig e sin roimhe agus chaidh a e dh' Oilthigh Obar Dheathain airson e fh猫in ullachadh airson dreuchd ministear a leantainn. Ph貌s e Mairead Mhoireasdan 脿 Ste貌rnabhagh ann an 1964 agus tha tri霉ir do theaghlach aca.
Thug Uilleam Iain a-mach dreuchd ministear ann an 1968 agus chaidh e a-null gu Detroit airson beagan 霉ine. Fhuair e gairm gu Eaglais Shaor na P脿irce an ceann a deas na Loch an Le貌dhas ann an 1972 agus bha e a' frithealadh na paraiste sin gu 1983 nuair a ghluais e gu Eaglais Shaor Phort R矛gh. Nuair a leig e dheth a dhreuchd chaidh e fh猫in agus a bhean a dh'fhuireach a dh'Inbhirnis. Bh脿saich Mgr Caimbeul ann an 2007.

An t-Ollamh Urramach Iain Fearghasdan 1937 - 2009
Rugadh Iain Fearghasdan ann an Cnoc an Torrain , Uibhist a Tuath anns a' Mh脿irt 1937. An d猫idh dha an sgoil fh脿gail bha e ag obair ann an Uibhist agus air t矛r-m貌r, a' falbh bho obair gu obair, oir aig an 脿m sin, cha robh miann sam bith aige dreuchd s貌nraichte a leantainn.
Th脿inig e fo bhuaidh an t-soisgeil nuair a bha d霉sgadh spioradail ann an Uibhist ann an 1958 agus b'ann sa bhliadhna 脿s d猫idh sin a chaidh e gu Colaiste Faith Mission an D霉n 脠ideann airson tr矛 bliadhna. 脌s d猫idh grunn bhliadhnaichean a chuir seachad mar shoisgeulaiche ann an Alba agus ann an 脠irinn dh'fhairich e gun robh's ga ghairm gu bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Rinn e ullachadh ann an Colaiste Skerry agus chaidh e 脿s an sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e LTh. Thug e mach BD anns na bliadhnaichean 脿s d猫idh sin agus fhuair e urram o Cholaiste Chr矛osdail Chanada nuair a rinn iad Dotair Diadhaireachd dheth ann an 1996.
Anns an 脪gmhios 1973 fhuair Iain cead-searmonachaidh o Chl猫ir Ghlaschu agus anns an D脿mhair sin ghabh e gairm bho choitheanal Chrois ann a Nis a Le貌dhas far an robh e a' searmonachadh airson seachd bliadhna. Ann an 1980 ghluais e fh猫in agus an teaghlach gu Port R矛gh agus bha e an sin gus an do leig e dheth uallach coitheanail ann an 2002. Bha Iain p貌st' aig Oighrig agus bha tri霉ir de theaghlach aca - Iain, Gilleasbaig agus Agnes - agus an-diugh tha tri霉ir oghaichean aca, Acacia, Elijah agus Anndra. Bha Oighrig na c霉l-taic do dh'Iain fad na bliadhnaichean a bha e na mhinistear. 脌s d猫idh a dhreuchd a leigeil dheth chaidh iad a dh'fhuireach dhan Mhanachainn. Bh脿saich Iain air an t-siathamh l脿 den Fhaoilleach 2009 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.

30 minutes

Broadcast

  • Sun 17 Nov 2013 21:00