Main content
Sorry, this episode is not currently available

Rev Hector MacKenzie, Army Chaplain

Còmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich, a tha na mhinistear anns an Arm. Gaelic religious service conducted by army chaplain Rev Hector MacKenzie.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na leughaidhean agus sailm a leanas:

Salm 100: 4-5 air fonn St David. Os cionn na seinn tha Aonghas MacIlleathain le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Eilean Leòdhais.

Salm 40: 1-3 air fonn Kilmarnock. Os cionn na seinn tha Iain Ailig MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt anns an Eilean Sgiathanach

Salm 34: 1-2 air fonn Walsall. Os cionn na seinn tha Eòin Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.

Leughaidhean: Gnìomharan nan Abstol: 21: 37-40, & 22: 1-21

Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh na phadre anns an Arm. Chuir e seachad còrr is trì bliadhna cuide ris na Highlanders is tha e a-nis ann an Colchester an Sasainn. Buinidh Eachann do sgìre Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an Hùnagladar agus tha an teaghlach an sin fhathast.
Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair bhon taigh do Shabhal Mòr Ostaig, a' cluich na pìoba aig cèilidhean fad an t-samhraidh agus na chroitear. Tha ùidh mhòr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dùthchail. A bharrachd air a sin, bidh e ag iomain, a' streap nam beann nuair a bhios cothrom aige, agus ag iasgach. Tha ùidh mhòr aige anns a' Ghàidhlig agus dualchas 's eachdraidh nan Gàidheal.
Tha e pòsta aig Sìne is tha dithis nighean aca, Aila agus Minnie.

30 minutes

An t-Urr Eachann MacCoinnich

An t-Urr Eachann MacCoinnich

Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh na Phadre anns an Arm. Chuir e seachad còrr is trì bliadhna cuide ris na Highlanders is tha e a-nis ann an Colchester an Sasainn. Buinidh Eachann do sgìre Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an Hùnagladar is tha an teaghlach an sin fhathast.

Ìý

Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair bhon taigh do Shabhal Mòr Ostaig, a’ cluich na pìoba aig cèilidhean fad an t-samhraidh is na chroitear. Tha ùidh mhòr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dùthchail. A bharrachd air sin, bidh e ag iomain, a’ streap nam beann nuair a bhios cothrom aige, agus ag iasgach. Tha ùidh mhòr aige anns a’ Ghàidhlig is dualchas is eachdraidh nan Gàidheal.

Ìý

Tha e pòsta aig Sìne is tha dithis nighean aca, Aila agus Minnie.

Aig an taigh

Aig an taigh

Ìý

Broadcasts

  • Sun 23 Feb 2014 09:00
  • Sun 23 Feb 2014 15:00